An Gaidheal Alascanach

Friday, January 26, 2007

Aithris air Cùrsa Gàidhlig ann an Juneau

Uill, tha cùrsa Gàidhlig a'gheamhraidh gu tòiseachadh an t-seachdainn sa tighinn. Chrìochnich an cùrsa an fhoghar ron an Nollaig 's bha triùir oileanaich ann aig an deireadh. Choinnich sinn tri tursan tro àm na Nollaig.

Tha dithis aca a'deanamh glè mhath ged tha duidhleadasan aig tè eile. Feumaidh mi aideachadh, 's ann fada nas fhasa a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig na bhith a'teagasg na Gàidhlig. Mhàir gach clas dà uair a thìde. Le ach aon clas gach seachdainn, tha e glè dhoirbh mòran adhartas a dheanamh mura bheil iad ag ionnsachadh gu neo-eismeileach. Ach air an làimh eile, tha mi a'faicinn gu soilleireach gu bheil feadhainn de na dòighean-ionnsachaidh nas fheàrr na feadhainn eile. Tha e foilliseach gur iad na faclan 's na h-abairtean a dh'ionnsaich iad tro a bhith a'deanamh rudeigin a bhios iad ag ionnsachadh gu doimhne. Chunnaic mi sin tro àm na Nollaig nuair a chruinnich iad aig an taigh agam. Rinn sinn a h-uile seorsa nì tro meadhan na Gàidhlig. 'S ann nas nàdaraiche ionnsachadh na Gàidhlig ann an taigh na tha e ann an sgoil!

Co-dhiugh, tòisichidh cùrsa a'gheamhraidh le ochdnar oileanaich ùra, 's sin a bharrachd air na triùir a th'ann mar tha. Tha mi a'gabhail misneach gu leòr bho a leithid de ùidh ann an Gàidhlig ann an Juneau.

0 Comments:

Post a Comment

<< Home