An Gaidheal Alascanach

Saturday, March 03, 2007

Sealladh inntinneach dhen eighr-shruth Mendenhall


An t-seachdain-sa chaidh, chaidh mi fhìn 's dhà charaid dhomh air cuairt-sgithidh faisg air na h-eighr-shruth. 'S e latha grianach fuar a bh'ann 's ach dh'fhairich sinn blaths na greine co-dhiugh. Chaidh sinn thar an loch bhon taigh agam a dh'ionnsaidh na h-eighr-shruth. Nar seasamh air a beulaibh, mhol mo charaid dhol a'faicainn na b'fhaisge air an làimh dheis. An fhìrinn, cha robh an toabh seo a'coimhead cho inntinneach. Cha robh ann, a-reir coltas, ach deigh an aghaidh balla na beinne. Ach mar a dhlùthaich sinn oirre, chunnaic sinn gu robh seorsa de chaolas eadar an deigh 's a'bheinn. Chaidh sinn troimhe s' dh'fhosgail romhainn seorsa de bhàgh far an robh sinn air ar cuartachadh leis an deigh 's leis a'bheinn agus air ar beulaibh, chunnaic sinn balla àrd de dheigh. Chuir e iongnadh mòr orm mar cho àrd sa bha an deigh. Nuair dhlùthaich mi chairdean air a'bhalla deigh, rud a bha gu math cunnartach nam bheachd-sa, bha iad a'coimhead cho beag ri cuieag an taca ris a'bhalla dheigh. Coimhead air an dealbh gu faiceallach 's chì thu mo dhà chairdean. Cuiridh mi geall gu robh an deigh seo tòrr 's ceud troigh os an cionn.

0 Comments:

Post a Comment

<< Home