An Gaidheal Alascanach

Friday, February 23, 2007

Cuairt Sgithidh



'S e lath-saor dhomh a bh'ann an DiLuain sa chaidh is chaidh mi air cuairt le caraid dhomh gu eighr-shruth Herbert. Rinn sinn an dearbh cuairt air cois san t-sultain. Bha troigh neo dhà sneachd ùr air tuiteam 's bha dùil againn slighe alainn fhaighinn. Ach bha buidhinn de luchd-coiseachd ann a bh'air sgrios mòr a dheanamh air an t-slighe 's mar sin, bha an slighe gu math garbh airson a bhith sgitheadh air. Co-dhiugh 's e deagh cuart a bh'ann co-dhiugh.

An-diugh chaidh mi a-mach air Loch Mendendhall air cuairt sgithidh eile. Tha e air a bith rudeigin fuar an t-seachdain-sa 's fhuair mòran sneachd cuideachd. Fhuair mi iongnadh nuair a sgithich mi tro badeigin far an robh uisge neo-reòthte air uachdair na deighe air fo uachdair an t-sneachda. Nuair a thogadh mi mo sgithean, reòthadh sneachd fliuch orra 's an àite maidean fiogha aotrom bha blogcichean mòra deighe air mo chasan. Dhà thuras b'fheudar dhomh stad 's an deighe a shuathadh air falbh. A dh'aindeòin sin ge-ta, chòrd e rium.

Chuck

0 Comments:

Post a Comment

<< Home