Criomagan
Uill, chuala mi beagan fiosrachadh cruaidh air a'gheamhradh a th'air a bhith againn. 'S e seo an còigeamh geamhradh as shneachdaiche a chunnaic Juneau riamh 's chan eil e deiseil fhathast. Gu ruige an siathamh latha a'mhàirt, thuit 165 oirlich sneachd. Ann an 1963-64 thuit 194. Ma thuiteas 30 oirlich a bharrachd, bith seo an geamhradh as shneachdaiche a chunnaic duine riamh (duine geal co-dhiùgh). Agus gabhaidhh sin a dheanamh gun teagamh. Thar 4 lathaitean an t-seachdain-sa, thuit 29 oirlich sneachd.
Romeo. Tha e gu bhith 3 seachdainean bho thuras mu dheireadh a chunnaic mi Romeo, am madadh-allaidh a tha a'fuireach faisg air loch Mendenhall. Cha chuala mi e nas motha. Uill, an t-seachdain-sa, bhruidhinn mi ri bhoireannaich a tha ag obair airson roinn nan coilltean 's thuirt i gun do losg iad peilearan neo-mharbhtach air gus ruaig a chuir air 's theich e air falbh. Tha mi duilich sin a chluinntinn. An turas mu dheireadh a chunnaic mi e, dh'fheuch mi a bhurrailich a chlàradh. Chlàr mi rudiegin ach cha robh e cho math 's bha mi airson feuchainn a-rithist airson clàradh nas fheàrr fhaighinn.
Tha ceist car ghòrach air làrach-linn phrògraim Choinnich an t-seachdainn-sa. An e Iran neo na Stàitean Aonaichte an dùthaich as chunnartaiche? Tha a'cheist seo ag innse dhomh nach eil toinnisg sam bith againn. Cò as buailtiche an cleachdadh? Ma gheibh i iad, cleachdaich i iad. Sin e. Tha am fìor-chunnart a'maoidheadh oirnn 's tha sinn a'deasbad leinn fhìn mar nach robh ann ach cuspair inntinneach ri dheasbad. An rud a tha dhìth oirnn 's e duine a leithid Churchill. Bhot mi ann 's a-reir bhotaichean a fhuair iad gu ruige seo, tha 70% dhen bheachd gur iad na Stàitean Aonaichte as chunnartaiche. Tha eagal orm gu bheil sinn air an aon shlighe sa choisich sinn ro an darna chogadh. Dhiùlt Rùis, Breatainn 's an Fhraing am fìor chunnart a bh'ann an Hitler a dh'fhaicinn nuair a bha e fhathast lag 's mu dheireadh b'fheudar dhaibh call uabhasadh a fhulang airson stad a chuir air. Tha eagal orm gum feumaidh sinn sprèidh niùicleasach neo dhà a dh'fhaicinn mus thig e a-steach oirnn an seorsa de chunnart a th'ann an armachd niùicleasach ann an làmhan Irain.
0 Comments:
Post a Comment
<< Home