Latha Sneachd ann an Juneau
powered by ODEO
Tha latha dheth agam an-diugh. Bhuail stoirm oirnn tron oidhche 's chaidh mi dhan oifis mar as àbhaist seach gun do thug mi an car againn. Cha robh duine sam bith san oifis 's ràinig duine eile 's thuirt e gun do thug ceann-suidhe na stàite latha dheth dhuinn air sgàth an t-sneachda. Chaidh mi air ais dhachaidh ach air an t-slighe, stad mi aig bùth 's cheannaich mi seòrsa de spàid-slaod gus an sneachd sgioblachadh. Bha stoirm eile againn an t-seachdain-sa chaidh 's bha mo dhruim cho goirt ri goirt. Air gach taobh na raoin-pàirce bha balla sneachda a bha gu math àrd 's bha e gu math doirbh dhomh an sneachd tilgeil àrd gu leòr 's faighinn cuideas e.
Ach le spàid-slaod, tha e fada nas fhasa. An àite togail na t-sneachd le spàid le spàirn mhòr do mo dhruim, chan eil agam ach ri putadh air an spaid-slaod. Obair mhath gun cus sgrios do mo dhruim. Uill, seo eiseimpleir dhen spàid-slaod an gnìomh. B'fheudar dhomh aom sneachd thogail mar a dheanadh na Romanaich timcheall bàiltean daingnichte san t-seann aimsir. Smaoinich air Masada!
Rud a bharrachd: chuala mi an-diugh gur e seo an geamhradh le cuid sneachd as motha bho 1971.
0 Comments:
Post a Comment
<< Home