An Gaidheal Alascanach

Friday, May 25, 2007

Dean cinnteach gu Leugh thu an sanas aig an Oilthigh

Feumaidh tu a bhith faiceallach a bhith a'leughadh nan sanasan aig an Oilthigh Alàsga ann an Anchorage. Bha mi aig co-làbhairt na FAA a ghabh àite aig an Oilthigh. Bha mi fhìn 's dithis eile a'gabhail fois taobh a-muigh an toglaich nuair a mhothaich sinn sanas a bha seo le seo sgrìobhte air: NO WEAPONS ALLOWED (Armachd neo-ceadaichte dhuibhse aig nach eil do chuid Beurla cho math). A bharrachd air a sin, a-rèir an t-sanas, bha casg air bomaichean cuideachd.

Ged a chuir sin beagan dradh oirnn, dh'fhàg sinn air cuid bomaichean 's gunnaichean taobh a-muigh an toglaich. Cha robh sinn ag iarraidh an lagh a briseadh 's co-dhiugh bha fios againn gu robh sinn fada na bu shàbhailte as aonais ar bomaichean 's a h-uile càil.

'S ann an uair sin a rinn ìomhaigh cuairt nam inntinn air dè a dhèanainn nan fhaca mi cuideigin a'tighinn a-steach le droch rùn 's gunna na làimh: "Aigh, amadain! Nach eil fhios agad gu bheil gunnaichean neo-ceadaichte an-seo!"

Neo cuideigin eile nach eil idir a'coimhead cho spaidil 's e a'coimhead rudeigin reamhar na bheast 's cnapan ann an sreath timcheall a mheadhan 's ùeireicean a'tighinn a-mach 's a-steach a h-uile taobh s' a ghnùis gleansach le fallas 's oirean a bhilean air an tionndaidh gu h-àrd 's a shùilean glacte air putan na dhòrn air a bheulaibh 's òrdag a'crith os a chionn. 'S ann an uair sinn a dh'eighinn: "Aigh, a Dhall, a bheil comas-leughaidh idir agad? Tha casg air bomaichean an-seo. Bith thu ann an trioblaid."

'S thàinig orm dè bha dhìth air an t-sanas ud: cha robh e dà-cànanach.


powered by ODEO

0 Comments:

Post a Comment

<< Home