Gu Mullach Beinne Roberts
Tha carbad-crochte eadar meadhan a'bhaile Juneau 's mullach beinne Roberts. Tha e tòrr mìle troigh a dh'àirde. The iad ag amas gu h-àraidh air na luchd-turais a thig gu pailt aig an àm seo dhen bhliadhna. Gu h-àbhaisteach tha iad ag iarraidh $25 bhuait airson a dhol ann. Ach aon latha a'bhliadhna, disathairne sa chaidh, chan b'e ach $6 son a dhol ann.
'S saoghal eadar-dhealaichte a th'ann gu h-àrd. Ged a tha an t-earrach ann nas ìsle, tha e fhathast a'coimhead geamhradail gu h-àrd. Tha an pailteas sneachd ann fhathast 's cha b'urrainn dhuinn dhol air cuairt aig sgàth maoim-sneachda a tha fhathast a'maoidheadh.
Seo dealbh eile dhinn a'coimhead a-mach a dh'ionnsaigh a'chaolais 's eilein Douglas:
Chunnaic sinn cuideachd seabhag a bha gun comas sgeith air sgath gaoid a bh'aice nuair a rugadh i. Bith na daoine a bhios a'ruith a'charbad-crochte a'coimhead as deidh eòin a th'ann an èiginn mar sin.
powered by ODEO
0 Comments:
Post a Comment
<< Home