An Gaidheal Alascanach

Saturday, May 05, 2007

Dealbhan na Dùthcha: Coimeas eadar Cèitean 2006 's 2007

An-uiridh, ghluais mi a dh'Iuneau 's dh'fhuirich ann an shin nam aonar trì mìosan. 'S thadhal mo bhean orm aig toiseach a'chèitean 's thog mi corra dealbhan na sgìre nuair aig an àm ud. 'S e bliadhna chun an latha fhèin on a thog mi na dealbhan sin 's chaidh mi a-mach an-diugh a'togail nan dearbh dealbhan gus an gabh coimeas a dheanamh eadar mar a tha an eighr-shruth a'coimhead an-diugh 's an uiridh aig an dearbh àm den bhliadhna 's a bheil buaidh sam bith aig a'gheamhradh chruaidh a fhuair sinn air coltas na h-eighr-shruth 's na dùthcha.

Uill, tha e doirbh ri ràdh dè am buaidh a th'air an eighr-shruth fhèin. 'S dòcha gu bheil e ro thràth co-dhiugh, 's dòcha gum bith bliadhnaichean eadar geamhradh cruaidh gu h-àrd sna beantainn 's a bhuaidh air cois na h-eighr-shruth. 'S e an aon buaidh a tha mise a'faicinn 's e 's gu bheil deigh fhathast air an loch 's cha robh an-uiridh 's bheil beagan sneachd a bharrachd air na beantainn an coimeas ri an uiridh.


powered by ODEO

0 Comments:

Post a Comment

<< Home