Air cuairt leis a' chù agam
Chaidh mi air cuairt leis a' chù ùr a fhuair sinn aig àm na Nollaig. 'S e cuilean German Shepherd a th'ann agus tha i ('s e cù boirean a th'innte) ghè mhilis ach tha spionnadh mòr oirre. Feumaidh i dhol air deagh chuairt turas neo dhà gach lath gus bith i ceart gu leòr leinn anns an taigh.
Co-dhiù bha mi air cuairt leatha an-diugh a' coiseachd tro raon-campachaidh a tha dùinte aig àm gheamhraidh. Tha mi ag obrachadh leatha a bhith coiseachd air ròp mar bu chòrr. Bith mi a' cuir an ròp oirre 's bith sinn a'coiseachd airson greis 's an uairsin cuiridh mi an ròp dhi. Tha mi airson 's gun coisich i an ìre mhath san dearbh dhòigh ròp ann neo às. Mur a robh ròp ann, bith i a'coiseachd glè mhath, a ceann dìreach ri thaobh mo ghlùin. Bho àm gu àm, bith i a' stad airson adhbhar neo correigin ach tha i an còmhnaidh glè fhaisg air làimh. Ach air an ròp, chan eil i cho deònach. Aig amannan bith i a'stad 's a' diùltadh cumail oirre. Air sgàth sin, bith mi a' cur an ròp oirre 's dhith gu math tric gus am fàs i cleachd ris. Bith mi a' tabhainn criomagan bìth dhi nam làimh fad sa tha sinn a' coiseachd. Ma tha i a' coiseachd gu math, faisg air mo làimh, bho àm gu àm lorgaidh i criomag bìdh nam làimh. 'S e sinn a nì mi, ròp ann neo às. 'S ann mar seo a tha mi a' feuchainn a brosnachadh coiseachd air an ròp mar bu chòrr.
Co-dhiù, bha mi a' coiseachd mar seo 's gun a bhith an cù agam ceangailte nuair a nochd cù mòr dubh aig ceann an rathaid na dhearg dhean a' deanamh oirnn 's a shùilean glacte air an cù agamsa. Uill, thionndaidh an cù agamsa air a sàilean 's theich i 's mise nam dhearg dheann as an deidh. B' fheudar dhomh ruith cho luath sa b' urrain dhomh agus thionndaidh an cù agamse turas neo dhà gus an cù eile a sheachnadh gus mu dheireadh glac mi iad. Leum mi a dh' ionnsaigh a` choin dhuibh 's theich e airson greis ach thill e. Thòisich mi èigheach air falbh is rug mi greim air an cù agamsa 's chuir mi an ròp air ais oirre. 'S ann an uair sin a nochd dithis boireannaich aig an robh an cù. Thòisich iad a trod orm nach robh an cù agam ceangailte. Bha sin fìor ach cha robh an cù acasan ceangailte na bu mhotha 's 's e an cù acasan nach robh fo smachd sam bith. Bha an cù agam dìreach ri mo thaobh, cha robh iadsan fiù 's ann an sealladh. 'S e an cù acasan a chuir an ruaig air an cù agamsa.
'S ann an uair sin a dh'innse iad dhomh an dearbh rud a dh'adhbhraich an aimhreit: 's e an droch lùths mo spioraid a dh'fhairich an cù agam as coireach gun do theich an cù agam. Dh'innse mise dhaibh gu robh glan às an ciall, anns na speuran.
Ciamar a 's urrainn do cuideigin a bhith cho dall. Mura a chuala mi 's am faca mi na chuala mi 's na chunnaic mi, cha chrèidinn an sgeul.
3 Comments:
A bheil coimhearsneachd 'New Age' faisg air làimh Chuc?
Tha impis orm an t-òran à na seasgadan a sheinn: Age of Aqarius!
Obh obh, droch aura a tha agad a Theàrlaich ;)
('S fhada bhon a bha mi a' leughadh an-seo, mar sin tha mo bheachd a' tighinn cho anmoch.)
Post a Comment
<< Home