An Gaidheal Alascanach

Sunday, June 24, 2007

Turas air Beinn Roberts a-rithist



An t-seachdain-sa chaidh fhuair sinn cothrom dhol suas air Beinn Roberts a-rithist. Chaidh sinn suas ann an carbad-crochte. Dh'ith sinn san taigh-osda is an uair sin choisich sinn timcheall. Bha dùil againn dhol na b'fhaide suas ach cha b'urrainn dhuinn air sàilleamh an uiread sneachd a bh'ann fhathast. Bha sin rudeigin gòrach feumaidh mi ràdh, a bharrachd mu dheidhinn sin nas fhaide. Ach coimheadaibh air an dealbh gu h-àrd. Tha e dhen t-soidhne a tha a'sealtainn dhuinn dhà dhealbh dhen aon sliabh, fear a chaidh a thogail anns na dhà-fhicheadan 's fear eile anns na ceithir-ficheadan aig cha mhòr an aon àm dhen bhliadhna, an dearbh àm sa bha sinne ann. San dealbh a chaidh a thogail anns na dha-fhicheadan, ann am meadhan an Og-mhìos, bha uiread de sneachd ann fhathast agus chan eil na lusan cho pailt air an t-sleibh. San dealbh a chaidh a thogail sna h-Ochdan, (san Iuchar ge-ta), chan eil sneachd sam bith ann agus tha na lusan fada nas tiugha na bha iad sna ceathradan. Ach seallaibh san ath-dhealbh:



Chaidh an dealbh a thogail an t-seachdainn-sa chaidh 's aig an dearbh àm sa chaidh an fheadhan eile a thogail. Tha pailteas sneachd ann fiù 's an coimeas ris an dealbh a chaidh a thogail sns cheathradan.

Agus seallaibh air an ath dhealbh.



Tha an carbad-crochte ag amas gu h-àraidh air na luchd-turais a bhios a'tadhal ann an Juneau 's feumaidh gu bheil an fheadhain aig a bheil an carbad crochte dhen bheachd gu bheil na luchd-turais nan dearg amadan. 'S dòcha gu bheil iad, chan eil fhios 'am. Ach a-rèir nan soidhnaichean san dealbh, shaoileadh tu gu bheil mo nighean ann am fìor cunnart a beatha. Tha i na seasamh taobh thall an t-sreang a tha a'comharrachadh càite a bheil an cunnart a'toiseachadh. Nise, 's e maoim-sneachda a tha fa-near dhaibh ach ged a tha sneachd ann fhathast, ach chan eil gu-leòr dheth ann tuilleadh. Chan eil cunnart sam bith gu tuit sneachd ort. Co-dhiùgh fhuair mise spòrs gu leòr as co-dhiùgh, dh'èigh mi air mo nighean tighinn cho luath sa b'urrainn dhi mus thachradh crom sam bith dhi. Mar as dual dhi, cha tug i cus for dhomh ach an ceann ghreas, thàinig i às gu sàbhailt.

Chuck

0 Comments:

Post a Comment

<< Home