An Gaidheal Alascanach

Monday, January 14, 2008

Mion-chànan ann an cunnart

Bha mi an sàs an deasbad air na duilleagan an Albanaich mun t-suidheachadh na Gàidhlig, gur ann an uchd a' bhàis a tha i, tha i marbh 's mar sin adhart. Gu h-iongnatach 's ann le gaidheil a bha cuid mhòr dhen deasbad seo. Seo an càineadh a th'aca: a-reir nam meadhanan Gàidhlig, shaoileadh tu gu bheil Gàidhlig a'dol bho neart gu neart: sgoiltean ùra Gàidhlig ann an siud 's iomairtean ùra eile ann an seo ach anns na dachaidhean tha Gàidhlig a' bàsachadh, tha na h-òidridh ga trèigsinn gu lèir, chan eil iad a' cleachdadh na Gàidhlig nam measg fhèin.

Agus chan eil teagamh gu bheil sin fìor. Chunnaic mise laigse 's neart ri thaobh na Gàidhlig aig an aon àm. Nuair a bha aig a' Mhòd, chunnaic tòrr mòr de Ghaidheil a' capataich sa Ghàidhlig ach bha cuid mhòr diubh gu math sean 's na h-òigridh a chunnaic mi, 's ann sa Bheurla sa bha cuid as motha a' bruidhinn.

Tha mise dhen bheachd gu bheil a' Ghàidhlig fhathast ann am fìor èiginn 's mur a thionndaidh cùisean dhi, thèid i às co-dhiù.

Ach a dh'aindeoin cho truagh sa tha suidheachadh na Gàidhlig, chan iarrainn idir an suidheadh cànain-tùsanaich mo sgìre fhèin, Haida. An coimeas ri Haida, tha a' Ghàidhlig cho fallain ri breac. An-diugh fhèin, chunnaic mi anns a' phàipear-naidheachd ionadail, an Juneau Empire, aithris mu iomairt ùr gus Haida a shàbhalachadh. Tha iad a' tòiseachadh cùrsa ùire air an eadar-lìonn airson Haida ionnsachadh.

Rud inntinneach ach a rud a ghlac m' aire 's e an aireamh de luchd-labhairt a th' air fhàgail: corra dùsan thuirt an t-aithris 's cuid as motha corr 's 70 bliadhna a dh'aois.

M' uile beannachd leotha.

2 Comments:

Blogger Beithe said...

Tha mi a'gabhail ris na tha thu a'ràdh mu dheidhinn suidheachadh na Gàidhlig. Air an làimh eile co-dhiù, bu toil leam aire a thoirt do pàirt eile dhen argamaid. Anns na seann làithean, bha Gàidhlig aig mòran dhaoine mar chiad chànan, ach tha na làithean sin fada air falbh. A bharrachd air a sin, tha e follaiseach gu bheil sinne ann an Alba a' fuireach ann an coimhearsnach ioma-chultaraich -tha daoine bho dùthchannan cèine a' cumail orra a thighinn a-steach. Tha mise làn dhen bheachd gu bheil an suidheachadh seo na dhùbhlan do na Gàidheil. Bhiodh e sgoinneil nan tàirngeadh iad barrachd 's barrachd dhaoine a-steach dhan t-saoghal na Gàidhlig. Ma a nì iad sin, bidh Gàidhlig beò 's breabadh anns an àm ri teachd.

A dh' aindeoin sin, tha mise a' faireachdainn gu bheil còr na Gàidhlig fada mas fallaine na bha e fichead bliadhna air ais. Barrachd fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig, barrachd chlasaichean airson luchd-ionnsachaidh inbheach, barrachd chraoladh anns a' Ghàidhlig.

7:02 AM  
Blogger Calina said...

Tha fuasgladh aig a h-uile duilgheadas nuair a choinnicheas tu ris an taobh cheart
duine !! Na biodh eagal ort gu bheil caster geasa mòr ann agus luchd-fuasglaidh dhuilgheadasan spioradail,
A ’faighinn duilgheadas pòsaidh, briseadh dhachaigh, Instant
soirbheachas, faigh air ais na chaill thu a-riamh msaa..WhatsApp air +2347041712297
Post-d. doctorcharlesspellword99@gmail.com.
thèid na duilgheadasan agad fhuasgladh sa bhad. Bidh e a ’dèanamh na leanas:
1) Geasan gaoil
2) Geasan gaoil air chall
3) Geasan sgaradh-pòsaidh
4) Geasan pòsaidh
5) Litreachadh ceangail.
6) Geasan brisidh
7) Cuir às do leannan a chaidh seachad
8.) Tha thu airson gun tèid do bhrosnachadh anns an oifis agad / geas a ’Chrannchur

3:34 PM  

Post a Comment

<< Home