Iomairt an taghaidh: John McCain - mo bheachd-sa air
Mar a thuirt mi roimhe, tha mi gu daingnainn air an làimh dheis gu poileataigeach agus seo mar a tha mi a' coimhead air John McCain.
An toiseach, na rudan as toigh leam mu dheidhinn. Chan eil duine cho seasmhaiche ri John McCain ann an cunnart. Chan eil eagle aige ro dhuine dhubh neo gheal. Dh' fhulaing e gu dubh ann an làmhan nam Bhietniamach mar phrìosanach agus chan eil e a' toirt cus for do bheachdan daoine eile. Cha teid am fear seo sèideadh le cunntas-beachd idir idir. An-uiridh, nuair a bha sinn a' call ann an Iorac 's na luchd-poileataigs a' teicheadh bhon chuspair mar a theicheas radain bho long a tha a' dol fodha, bha John McCain ag eigheach aig àrd a chlaiginn gum bu chòr dhuinn saighdearan a bharrachd a chur ann an Iorac. Mar a shaoileadh tu, bha na h-aireamhan cunntas-beachd aige cho beag ri cuileag aig an àm. Ach an-diugh, 's sinn a' buanachadh a-nis, tha beachd aig an t-sluagh air a dhol gu mòr an àrd. Tha spèis agam air daoine mar seo.
Agus ma thachras latha eile a leithid 9/11, saoilidh mi gum bi John McCain na aingeal-sgrios an Tighearna!
San dòigh seo, tha e iongnatach mar a tha na librealaich cho dheidheil air agus shaoileadh tu gum biodh mise air mo dhòigh ma bhuanaicheas esan gu bhith na cheann-suidhe. Uill, b' fheàrr leam John McCain na fear seach fear aig na Daemeagrataich ach tha rudan ann mu dheidhinn a tha a' cur dragh mòr orm. Chan eil fhios `am ma tha e a' tuigsinn idir idir na bun-reachd againn. Chuir esan an gnìomh lagh ùr aig a bheil mar amas smachd a chumail air mar a dh'obraicheas airgead 's iomairtean an taghaidh còmhla. Deagh amas 's dòcha, ach dhomh-sa, bha am fuasgladh fada na bu mhiosa na'n trioblaid sa chiad-dol-a-mach. Oir chuir an lagh-sa bacadh air saorsachd-labhairt. Bha e an aghaidh an lùghdachadh nan cìsean a thachair corra bliadhnaichea air ais. Chan eil mi idir ag aontachadh leis mar tha e airson smachd ghabhail air na daoine a tha a'sruthadh a-steach dhan dùthaich gu mi-laghail. A bharrachd air a sin, chan eil e cho daingnainn airson còraichean-gunna mar a b' fheàrr leam.
Sin agamh corra adhbhran nach toigh leam an duine seo. Ma tha duine eile ann a tha comasach buanachadh san t-Samhainn, b' fheàrr leam e. Ach a-rèir na cunntas-beachd mu dheireadh (dhan nach toir John McCain for sam bith) 's e John McCain an aon duine Poblachdach a tha a' buanachadh an aghaidh Clinton neo Obama.
Agus aig a' cheann thall, a rud a tha mi ag iarraidh, 's e an rud as fheàrr a ghabhas fhaighinn.
0 Comments:
Post a Comment
<< Home