Bun-taghaidhean anns na Stàitean Aonaichte
The na bun-taghaidhean gu math anns na Stàitean Aonaichte an turas seo. Ged a tha na bun-taghaidhean nan Democratach inntinneach gu leòr, mar phoblachdach, 's ann gu h-àraidh air bun-taghaidhean nam Poblachdach a tha m'aire.
An rud a tha mise ag iarraidh 's e 's gun buannaich na Poblachdaich, airson iomadach adhbhar. Tha mi airson cìsean as ìsle, tha mi an aghaidh smachd air gunnaichean. Mar a shaoileadh tu, tha mi gu math air a làimh dheis. Ach dhomh-sa, an rud as cudthromaiche do dhuine sam bith mar cheann-suidhe, 's e ciamar a dheileachas tu ris an t-saoghal cunnartach anns a bheil sinn ann latha an-diugh. Faodaidh sgrios uabhasach a bhith na lùib cinn-suidhe aig nach eil toinisg gu ìre neo correigin.
Dhomh-sa, tha armachd lèir-sgrios, gu h-àraidh ann an làmhan ro-dheònach an cleachdadh an cunnart as miosa san t-saoghal. Dhomh-sa, tha e an ìre mhath cinnteach gun teid armachd-niùicliseach a cleachadh an aghaidh baile neo correigin ann an ùine nach bi fad. Ach ma dh'fhaodte, ma nì sinn ar dìcheall gun gabh an sgrios-sa sheachnadh. Tha cuimhn 'am fhathast, nuair a chunnaic mi an darna tùr a' tuiteam, bha mi an ìre mhath cinnteach gun deach nam mìltean thar mìltean am milleadh nam fhianais fhèin. Tha fhios cha robh na mairbh cho pailt aig a' cheann thall. Bha sinn cho taingeil gun do bhàsaich dìreach corra mhìltean seach corra dheicheadan de mhìltean. Seo an saoghal sa bheil sinn nuair nach cuir corre mìltean cus dragh ort. Co-dhiù, thuig mi san uair ud gun gabh an ath-thuras a bhith fada nas miosa, gum fairich sinn caran fortanach ma tha na mairbh corra deicheadan de mhìltean seachad air ceud mìle.
Tha an dithis aca, Obama agus Clinton ann an co-fharpais, cò a bheir ghealltanas as daingne nach toir iad ionnsaidh an aghaidh Irain airson adhbhar sam bith. Co-dhiù, seo a th' air cùl m' inntinn mar a tha i a' coimhead air iomart an taghaidh.
Tha an iomairt an bun-taghaidh -sa as fhosgailte na chunnaic mi riamh. Cò mheud bun-taghaidh a th' air a bhith againn gu ruige seo? Iowa, Wyoming, New Hampshire, Carolina a deas, Nevada, Michigan agus chan eil e foiliseach cò aig a bheil làmh an uachdair. Huckabee? Romney? McCain?
Tha mi an ìre mhath cinnteach gu bheil Huckabee seachad. Bha dùil ann gun bhuannaicheadh e Carolina a Deas leis gu robh e làidir am measg nan Chrìostach air a làimh dheis 's iad cho pailt ann an sin, ach cha do buannaich e. Tha sin a' sealltainn gu bheil an taic aige o às leth na Chrìostaich air socrachadh rud beag 's às an aonais, chan eil teans sam bith aige.
Ach leis gun do bhuannaich McCain ann an Carolina a Deas, a bheil sin a' ciallachadh gu bheil làmh an uachdair aigesan? Chan eil mi cho cinnteach. Chan eil na Poblachdaich fhèin cho deidheal air. Nuair a bhuannaich McCain, 's ann air sgàth gu robh còir aig neo-eismeilich bhotadh ann an bun-taghadh nam Poblachdach. Gu ruige seo, 's ann aig Romney a tha cuid as motha de luchd-bhotaidh a thèid dhan Choinneamh nam Poblachdach.
Bith an ath-bhun-taghadh, Florida gu math cudthromach. Rinn Giuliani oidhirp mhòr ann an sin. Ma bhuannaiches e, gheibh e spionnadh mòr às a' dol a-steach dhan 5mh Gearran nuair a nì torr is 20 stàitean bun-taghaidh aig an aon àm. 'S mur a bheil làmh an uachdair aig cuideigin neo correigin, 's dòcha gun tèid na stàitean roinn am measg dithis neo fiù s 'triùir! Ma 's e sin a thachras, tha e buailteach nach bi luchd-bhotaidh gu leòr aig fear seach fear aca aig a' Choinneamh nam Poblachdach!
Dhomh-sa mar phoblachdach, tha mi ag iarraidh chan e an duine as fheàrr a leam as an duine as fheàrr leam as buailtiche buannachadh sa t-Samhainn. Chan eil feum sam ann a bhith a' faighinn an duine as fheàrr leat gun a bhith a' buannachadh sa t-Samhainn. Tha sin a' ciallachadh 's dòcha gun bhot mi airson an duine air nach eil mi cho deidheil ach as urrainn dha buannachadh seach airson an duine as toil leam gu mòr aig nach eil teans sam aige buannachadh. Bith an stàite agam-sa, Alasga a' bhotadh air an 5mh Gearran cuid ri mòran stàitean eile.
0 Comments:
Post a Comment
<< Home