Duine eile aig a bheil Gàidhlig anns a' cheann ear-dheas Alasga
An diugh chaidh mi air cuairt leis a' chù agam mar as àbhaist. Bha mi an dòchas am madadh-allaidh fhaicinn a-rithist 's mar a choisich sinn seachad air dithis a bha a'dol a-steach dhan chàr aca, dh'fhaighnich iad dhìom nan robh mi airson am madadh-allaidh fhaicinn. Thuirt mi gu robh. Thuirt iadsan gu robh e na laigh pìos beag air falbh air an deigh. Dh'fhaighnich iad dhìom nan robh a'fuireach faisg air làimh 's bha blas caran coimheach air a'chainnt aca 's thuirt iad nach robh iad às an sgìre seo 's gu robh iad glè thoilichte a fhaicinn. Co-dhiù chùm mi orm. Chaidh mi dhan àite far an robh dùil agam am madadh-allaidh fhaicinn. Bha iadsan a'feuchainn cuideachd a fhaicinn na b' fheàrr. Chunnaic mi e. Sheas ann an sin car ùine dìreach a' coimhead air. Mu dheireadh, thionndaidh mi dhachaidh 's thachair mi a-rithist ris an dhithis ris an do bhruidhinn mi roimhe.
Thòisich sinn a bhruidhinn as ùr 's aig ceann greis thuirt an duine a bha seo gur ann à Alba a bha e. Thuirt mise gu robh mi air a bhith ann dìreach an-uiridh 's gu h-oban, thàinig e a-steach orm 's dòcha gu bheil Gàidhlig aige.
Thuirt mi "A bheil Gàidhlig agad?" Thuirt esan, Pardon? An dearbh fhreagairt sa fhuair mi iomadach uair ann an Alba. Agus le dìreach 1.5% ann an Alba aig a bheil Gàidhlig, b' e seo an fhreagairt a bu bhuailtiche co-dhiù, ach b' fhiach fheuchainn co-dhiù. Ach an uairsin thuirt a bhean, "He's speaking to you in Gàidhlig." An uairsin, thuirt an duine, "Tha gu dearbh!"
Uill, bha mo bheul fosgailte, abair iongnadh 's toileachas! Tha an duine seo a' fuireach ann an Ketchikan. Bith mise a' dol ann bho àm gu àm. Bhruidhinn sinn 'son greis. Dh'innse mi dha mun duine ann an Haines aig a bheil Gàidhlig cuideachd. Thuirt esan (am measg mòran rudan eile) gum biodh ùidh mhòr aige nan robh seòrsa de choinneamh bhliadhnail turas gach bliadhna ann an ear-dheas Alasga. Saoilidh mi gum biodh suas gu sianar ann co-dhiù, a' gabhail a-steach an fheadhainn a tha ga h-ionnsachadh 's a tha comasach beagan comhradh a dheanamh.
0 Comments:
Post a Comment
<< Home