Làmh an uachdair aig John McCain
Tha làmh an uachdair aig John McCain a-nis gu bhith na sheasamh airson nam Poblachdach as deidh a bhuaidh ann am Florida diMàirt. Gu ruige seo, 's ann air sgàth bhòtadh nan neo-eismealach a bha a bhuaidh. Ach an turas seo, cha robh còir aig na neo-eismealaich bhòtadh anns a' bhun-taghadh nan Poblachdach. Tha mòran Poblachdaich (mar mi fhìn) an aghaidh John McCain (cha d'fhuair ach 35% dhen bhòtaidh) ach tha air an roinn eadar dithis neo triùir.
B' fheàrr leam nan robh cuideigin eile agam airson bhotadh an aghaidh Clinton neo Obama san t-Samhainn ach sin mar a tha e. An-diugh dh' fhàg Giuliani an gnothach. Thèid na bhotaichean aige do MhcCain. Cha tèid na bhotaichean aig Hukkabee do Romney mar bu chòir leis gu bheil esan a' diùltadh an fharpais fhàgail ged nach eil teans aige buanachadh.
Dhomh-sa, an taghadh a th' againn, 's e eadar Romney 's McCain. B' fheàrr leam Romney. Dimàirt sa tighinn, 's e 'Super Tuesday' a th' ann. Bith corr 's fichead stàitean a' bhotadh aig an aon àm a' gabhail a-steach Alasga. Ged as ann aig John McCain a tha làmh an uachdair, cò aig a tha fios...
0 Comments:
Post a Comment
<< Home