An Gaidheal Alascanach

Sunday, March 30, 2008

Madadh-allaidh a' leantainn boireannach 's a' chù aice

Madainn an-diugh, chaidh mi air cuairt air an lach an-diugh leis a' chù agam 's chunnaic mi am madadh-allaidh a-rithist. 'S tric a tha sinn ga fhaicinn feumaidh mi ràdh. Co-dhiù, dhlùthaich e ri bhoireannach a bha seo a bha air cuairt air an lach leis a' chù aice. Dh'fheuch i a fhuadachadh air falbh ach dhiùlt e sin a dheanamh. Bha e gu math faisg orra. Mu dheireadh ràinig duine a bha seo air sgitheachan 's fhuadaich esan air falbh e ach dìreach pìos beag air falbh. Chùm am boireannach oirre a-steach 's am madadh-allaidh as an deidh.

Faighnich dhibh fhèin, dè a dh'fhairicheadh tu nan robh thusa na h-àite 's madadh-allaidh air do shàilean 's a' diultadh a chumail air falbh. Beagan nas fhaide, air an fheasgar, nochd am boireannach aig doras ar taighe. Chunnaic ise mi a' clàradh na thachair 's dh'iarr i orm nam faodainn lethbhreach dhen chlàr a thoirt dhi. Mhinich i dhomh nach b' e seo a' chiad turas a rinn am madadh-allaidh sin dhi. Bha am madadh-allaidh a' maoidheadh ionnsaidh a thoirt dhi. Rinn mi gearran dhan rialtas ron a seo ach tha iad a' diùltadh a creidinn. A bharrach air a sin, chuir feadhainn fòn dhi ag iarraidh oirre gun a bhith a' gearran mun a' mhadadh-allaidh.

Chanainn-sa gu bheil am madadh-allaidh a' fàs ro chleachdte ri mhic-an-duine. 'S e duilich a tha seo da-riribh. 'S e mioribheil a tha seo a bhith ga fhaicinn ach tha seo fada fada o mar bu dùil.

Seo na bhideothan:










0 Comments:

Post a Comment

<< Home