Ceatharnaich à Somailia a' gabhail greim taingear mòr
Chuala mi aithris o chionn dà latha gun do rug ceatharnaich somaileanaich greim air taingear far costa sear Afraga. An toiseach, shaoil mi gur e seann aithris a bh' ann a bhuineadh do thachairteas eile nuair a chaidh bàta eile a thoirt an greim 's mòran armachd air bòrd. Ach 's e tachairteas ùr a tha seo. A rèir coltas, 's ann a tha na ceatharnaich air am bàta a thoirt air ais dhan phort aca ann an Somailea 's an sgioba am brùid feuch am faigh iad airgead airson na sgioba air neo cuiridh iad as dhaibh 's ma dh' fheuchas duine dad airson an sàbhalachadh, leigidh iad a-mach a chuid ola as an taingear.
Tha an suidheachadh duileach seo a' toirt do mo chuimhne prògram a chunnaic mi air an teleibheisean air ceatharnais aig mhuir a th' air fàs ro chumanta an latha an diugh. Dh' aithris am prògram sreath de euceart a bha ceart cho duilich sa th' againn an-dràsda: sgioba gun dìon aig mhuir a' fulang gu dubh ann an làmhan ceatharnaich.
Dh'innse am prògram an uair sin nach robh deagh fhuasgladh ann dhan t-suidheachadh duilich a tha seo. Bith an spùidheadaireachd seo a' tachairt mar as trice sna h-àitichean nach eile buileach fo smachd duine sam bith.
Dhomh-sa, tha am fuasglach cho sìmplidh: leig na sgiobaidhean nam bàtaichean an dìon fhèin. San t-seann aimsir, air gach luing bha seòmar a bha làn de chlaidheamhan 's gunnaichean-làimhe a rachadh cuir gu feum uair sam bith a dh' fheuchadh buidheann de cheatharnaich greim a ghabheil air a' luing. An latha an-diugh, air gach luing, bu chòir a bhith an dearbh leithid de sheòmar ach làn de AK-47. Leis na sgiobaidhean-luinge armaichte mar sin (aig a bheil ùidh mhòr ann a bhith sabaid mar dhiabhal, bith prìs ceatharnais air a dhol an àrd agus theid na ceatharnaich do thargaidean nas fhasa.
Rinn am prògram a chunnaic mi iomradh air am fuasgladh sin ach thuirt iad nach robh seo iomchaidh. Thug iad sreath de leisgeulan ach aig bun na cùise, 's e droch fheallsanachd a th' aca. Tha e a' cuir iomgain orra nuair a bhios daoine comasach an dìon fhèin. Chan eil sin iomchaidh. B' fheàirda feitheamh ri feachdan ceart a tha ceudan de mhìltean air falbh. Abair amaideas.
Agus smaoinich air an sgrios dhan arainneachd ma leigeas na ceatharnaich a-mach an t-ola gun a bhith deanamh iomradh air, sin uile air sàilleamh nach eil deònach leigiel daoine an dìon fhèin.
1 Comments:
Thank you so much great writing
Post a Comment
<< Home