Aimhreit Eaconomaigeach
Chuala mi gu bheil seanfhacal Sìneach a chanas "Fuiricheadh Sibh an linn inntinneach." 'S e mallachd a th'ann agus cha creid mi nach eil sinn aig iomall linn inntinneach.
Tha an Comhngail sna Stàitean Aonaichte a' feuchainn tighinn gu aontadh mu phlana a dheanadh cobhair do na margaidhean gu ìre 700 Billean dolar 's feumaidh dhan riaghltas fhèin iasaid fhaighinn dheth dhan iomairt seo.
Ciamar a fhair sinn gu bhith ann an leithid de shuidheachadh? Uill, nam bheachd-sa, tha dhà neo trì adhbhran bunnaiteach as coireach. Sa chiad dol a-mach, airson bliadhnaichean mòra tha as-malairt as na Stàitean air a bhith fada na bu mhotha na in-malairt agus an cuid airgead a theid a-mach, tillidh e air-ais do na Stàitean ach ann an cruth creideis. Tha iasaidean mòra againn bho iomadh dùthchanan airson ar cumail aig an ìre ris a dh' fhàs cleachdte agus saoilidh mi gu bheil ceann an rathaid sin air faire.
Carson a tha cus as-malairt as taca ri in-malairt? Saoilidh mi gur ann air sgàth gu bheil sinn a' cleachdadh cus ola 's chan eil sinn a' leasachadh gu leòr dhen ola a th' againn co-dhiù. Nan robh sinn nas ghlice san dòigh seo, cha bhiodh cùisean idir cho dona sa tha iad ann dràsda. Bu chòir dhuinn na goireasan ola a th' againn mar tha a leasachadh agus bu chòir dhuinn ar cleachdadh ola a gheàrradh sìos.
Agus cò aig a bheil buannachd dhen cobhair a tha na Stàitean a' feuchainn a chuir ri chèile? Uill, gu dearbh 's e an fheadhainn a thug iasaid dhuinn: na Sìnich 's na h-Arabaich. 'S ann dhaibhsan a tha a' bhuannachd. Chan eil mi gan còireachadh, idir idir ('s sinne as còireach). Cuiridh mi geall gun d'fhuair Bush rabhadh: mura chuir sinn cobhair neo correigin ri chèile, chan fhaigh sinn creidis a bharrachd tuilleadh. Agus feumaidh sinn am pàigheadh.
'S dòcha nach eil sibh a' faicinn a' cheangal eadar an cleachdadh ola agus an aimhreit a tha sinn a' faicinn an-dràsda. Ach dhomh-sa tha e foilliseach. Tha fada bharrachd iasaid na tha ceàrnadh airgid am measg daoine àbhaisteach anns na Stàitean: taighean mòra, carbadan mòra, làithean saora, a h-uile nì air creidis. Agus cò as a bhios an t-airgead a' tighinn? Chan ann as na Stàitean fhèin tha mi cinnteach. Tro iomadach làmhan, 's ann a taobh a-muigh a tha an iasaid de dh'airgead a'tighinn.
Tha rudan eile as coireach cuideachd. Bho chionn fhada tha an riaghltas a' brosnachadh sealbhadaireachd taighean fiù s am measg an fheadhainn nach eil cho comasach taigh a cheannach. Bhrosnaich an riaghltas morgaidean amaideach a thabhainn dhan fheadhainn nach eil comasach am pàigheadh air ais. Tha e gu math faiseanta a bhith coireachadh nam bancaichean airson a leithid morgaidean ach aig bun na cùise, 's e an riaghltas fhèin a chuir am poileasaidh seo air dòigh.
Agus an treas rud as coireach: a' rèic 's ceannach morgaidean. S e siostam neònach agus gòrach a th' againn sna Stàitean: mar as trice thèid am morgaid agad a rèic iomadach turas thar na beatha dhen mhorgaid. Bha morgaid agam mar seo sna 90an. Aig amannan, cha robh mi cinnteach cò ris a bh' agam ri pàigheadh. B' fheudar do mo bhràthair pàigheadh dhà thuras ann an aon mhìos air sgàth gun deach am morgaid aigesan a rèic aig an dearbh àm sa phàigh e. B' feudar dha creidis fhaighin bhon darna companaidh airson a phaigh e dhan chiad tè ach cha b' urrainn dha.
Ach tha mi a' coireachadh a' chleachdaidh sin air sgàth gu bheil e a' brosnachadh daoine a bhios a' cuir morgaidean ri chèile a bhith mi-onarach. Chan e iadsan a tha a' toirt iasaid suim mhòr airson 30 bliadhna, bith iad ga rèic cha mhòr sa bhad dhan chiad amadan a thigeas sìos an rathad, agus mura theid an duine seo a phàigheadh, dè an diofar dhan dhuine a chuir am morgaid ri chèile? Nan robh an aig an duine a chuir am morgaid ri chèile na pàighidhean a ghabhail fad 30 bliadhna, bhiodh e fada nas faiceallaiche.
Feumaidh sinn rudan a chuir gu ceart. Feumaidh a bhith fios againn carson a tha sin a' tachairt, chan airson a bhith coireachadh ach gus am bi fios againn rathad ceart a dheanamh agus ar cuid amaideas a sheachnadh bho sin a-mach.
1 Comments:
Hello, tha mise bho na Stàitean Aonaichte, tha mi airson an teisteanas mhath seo a cho-roinn mu mar a chuidich Dr.Agbazara mi a thoirt air ais le mo leannan a bh 'ann. Nuair a bha mi a' lorg airson fuasgladh thàinig mi an conaltradh ri Dr.Agbazara agus le cuideachadh a thàinig mo leannan air ais gu mi taobh a-staigh 48 uair a thìde. Mar sin, le seo tha mi cho trom airson comhairle a thoirt do dhuine sam bith a tha a 'sireadh slighe airson a bhith a' faighinn a leannan air ais gus bruidhinn ri Dr.Agbazara air WhatsApp: ( +2348104102662 ) no tro phost-d aig: ( agbazara@gmail.com ) Tha mi cho toilichte co-dhiù mi fhìn agus tha mo leannan air ais dha chèile a-rithist agus a 'dol a chuir seachad cuirm na Bliadhn' Ùire còmhla. A 'toirt taing don Dr.Agbazara a-rithist ...
Post a Comment
<< Home