An Gaidheal Alascanach

Saturday, October 11, 2008

Leirmheas: The Fall of the Roman Empire le Peter Heather

Tha mi faisg air crìoch a chuir air leabhar a tha uabhasach fhèin inntinneach agus chan eil ceangal sam bith aige leis na trioblaidean a tha a' tachairt sna làithean-sa.

Chaidh an leabhar seo a sgrìobhadh ann an 2006 agus tha e stèidhte air an rannsachadh as ùire agus tha e a' toirt dom inntinn ìomhaidh as fheàrr a leugh mi riamh mu na ceud bliadhna mu dheireadh na h-Ìompaireachd Ròmanach, mar a dh' obraich ìompaireachd a shìn mìltean thar mhìltean de chileomeatairean aig àm nuair a mhaireadh turas bho cheann gu ceann suas ri 90 làithean aig car a bu luaithe.

Tha an t-ùghdar ag innse sgeul a tha caran diofraichte bhon sgeul thradaiseanta a thathar ag innse mu a crìoch. An àite Iompaireachd chaogalach a thuit cha mhòr fo a chuideam fhèin, tha sinn a' faicinn iompaireach cumhachd a àrd a cluich ann an 372 nuair a thòisich na buille a bhualadh oirre. Ach tha an t-ùghdar a' peinteadh dhuinn ìompaireachd a tha mòr agus farsaing, ìompaireachd a tha stèidhte air uaislean aig an robh smachd air eaconomaidh a bha stèidhte gu mòr air fearainn an ìre mhath mar a bha a' Breatainn a tha sinn a' faicinn sna nobhailean a sgrìobh Jane Austen.

Gach corra bliadhnaichean, tha an t-ùghdar a' toirt ìomhaidh dhuinn air mar a bha cùisean aig diofar amannan eadar 370 mus do thòisich an strì leis na Gothan a lean dhan bhatail Andrianapolis a chaill na Ròmanaich gu dubh ann an 378 agus 476 nuair chaill an t-ìompaire mu dheireadh a dhreuch. Aig gach àm, chì sinn dè bha fhathast fo smachd nan Ròmanach, dè mar a bha an t-arm, agus an robh dòchas ann fhathast.

Tha an t-ùghdar ag innse dhuinn dè a thig gu crìoch mus do bhàsaich an ìompaireachd fhèin agus dè a mhair na b' fhaide. Cò a dh' fheuch an ìompaireach a chumail còmhla agus cò a bha coma.

Agus ann an dòigh, tha ceangal leis na tha a' tachairt an latha an diugh. Bha àm ann, nuair nach robh fa-near do dhuine sam bith gun tigeadh saobhal Ròmanach gu crìoch, 's anns na 400 's chan e aig àm Augustus a the mi a' ciallachadh. Tha e fada nas buailtiche na tha fa-near do dhuin' againn gun tig an ìompaireachd againne gu crìoch. 'S chan e ìompaireachd nan Stàitean Aonaichte a tha fa-near dhomh-sa nuair a chanas mi sin, ach an siostam eaconomaigeach an t-saoghail.

Co-dhiù, leabhar inntinneach. Ma ùidh sam bith agaibh ann an seann eachdraidh, mholainn-sa an leabhair seo dhuibh.

0 Comments:

Post a Comment

<< Home