An Gaidheal Alascanach

Tuesday, October 28, 2008

Cunntais-beachd an Iomairt and Taghaidh sna S.A.

Taobh a-staigh corra làithean a-nis, bith an taghadh anns na Stàitean Aonaichte seachad 's bith fios againn cò a bhuannaicheas. Tha mòran mòran a dh' fhaodas mi ràdh mu dheidhinn sin ach bu mhath leam beachdachadh rud beag air na cunntais-beachd.

'S ann airson McCain a tha mi, airson iomadach adhbhar agus ged a tha mòran ag ràdh gu bheil McCain seachad, tha mi a' smaointinn gu bheil dòchas ann fhathast dha.

Ach ge b' e cò a bhuannaicheas aig a' cheann thall, tha aon rud as cinnteach: bith mòran mòran dhe na cunntais-beachd fada fada ceàrr. An-dè 's an-diugh, thuirt an darna cunntas-beachd gu robh Obama 15% air thoiseach air McCain aig an dearbh àm sa bha cunntas-beachd eile ag ràdh gu bheil Obam 2% air thoiseach.

Tha na meadhanan air a bhith cho daignean an aghaidh McCain, chan eil teagamh sam bith agam gu bheil cuid dhe na cunntais-beachd a' feuchainn buaidh a thoirt air an taghadh. An rud air a bheil mise a' coimhead 's e ciamar a tha cuid de na cunntais làitheal ag atharrachadh agus cuid dhiubh ag atharrachadh gu McCain sna làithean-sa. Seo aon rud.

Rud eile a dh'fheumas sinn cuimhneachadh 's e gu bheil Obama fad' air thoiseach air McCain ann an cuid de na stàitean mòra, mar eiseimpleir ann an California far a bheil Obama 27% air thoiseach air McCain agus rud ceudna ann an New York. Agus bith buaidh air a sin air na cunntais-beachd gu nàiseanta. Ach aig a' cheann thall, chan e bhotaidh-dhaoine ach bhotaidh-taghaidh (electoral votes) a thaghas. Faodaidh Obama California agus New York a bhuannachadh le 27% aig an dearbh àm sa tha a' call Ohio 's mòran stàitean eile le 1%. Sin a thachair ann an 2004 agus 2000. Ann an 2000, buannaich Bush an taigh-geal gun a' mhòr-cuid de na bhotaidh a bhuannachadh agus faodaidh an dearbh rud a thachairt a-rithist.

Ma thòiseachas sinn leis a' chairt-iùil ann an 2004, bhuannaich Bush le 286 bhotaidh. Beireamaid Iowa agus Colorado, stàitean Bush, do Obama. Seo agaibh McCain 270, Obama 268. Tha McCain ann an eiginn ann Ohio, Virginia, Carolina a Tuath, Meagsaigo Nuadh agus Nevada. Tha beagan cunntart dha cuideachd ann an eiginn cuideachd ann an Missouri agus Florida. Seo iad uile stàitean a bhuannaich Bush ann an 2004. Ma càileas McCain tè seachd tè aca, tha McCain càilte.

Tha iad ag ràdh gu bheil McCain ann an eiginn ann an Virginia agus Carolina a Tuath agus an ìre-mhath co-ionan ann an Ohio. Tha mi teagmhach mu dheidhin sin. Mar as aithne dhomh-sa, tha Virginia agus Carolina a tuath nas làidire gu a làimh-dheis na tha Ohio. Chuireadh e iogngadh mòr orm ma bhuannaicheas McCain Ohio gun Virginia agus Carolina a bhuannachadh cuideachd. Agus ma tha McCain a' call ann an Virgina neo Carolina, tha Ohio càilt mar tha.

Ach ma tha McCain cailte, ma tha na cunntais-beachd ceart, carson a tha McCain, Palin, an Obama fhein ann am Pennsylvania far a bheil na cunntais-bheachd ag innse gu bheil Obama corr is 10% air thoiseach air McCain. Tha an ùine prìseil dhan triùir aca 's cha bhiodh iad ann mura robh deagh adhbhar ann dhaibh. 'S stàite Kerry a th'ann am Pennsylvania. Ma bhuannaicheas McCain i, faodaidh e stàite Bhush neo dhà eile a chall 's an taigh-geall a bhuannachadh co-dhiù.

Rud eile a tha dòchasach do MhcCain, 's e gu bheil na cunntais-bheachd air fàs teann sna làithean-sa. Ma choimheadas tu air an na h-aon cunntais-bheachd làitheal, tha iad air gluasadh gu McCain, ged a tha Obama fhathast air thoiseach. Tha sin a' ciallachadh gu bheil an rud a tha McCain a' deanamh a' glacadh aire a' mhòr-shluagh 's gu bheil an fheadhain a tha fhathast mi-chinnteach nas buailtiche taobhadh ri McCain.

3 Comments:

Blogger Steaphan MacRisnidh said...

Aon rud air a bheil mi saoilsinn, 's e de is adhbhar nach eil tuilleadh partaidhean a tha comasach air an taghadh a bhuannachadh? Chan eil ach na partaidhean poblachd agus deamocratachd ann....nam b' e fior dheamocrasaidh a bh' anns na Staitean, nach biodh tuilleadh partaidhean poilitigeach anns na Staitean is comas aca taghadh naiseanta a bhuannachadh?

10:54 AM  
Anonymous Anonymous said...

Tha feadhainn eile ann nach eil ach chan eil na meadhanan a' gabhail ùidh annta.

3:04 PM  
Blogger tearlach61 said...

Steafan,

An rud as coireach airson sin, 's e an riaghailt-taghaidh: ma gheibh thu barrachd nam fear eile, buannaichidh tu. Ma nochdas treas partaidh, goididh iad bhotaidhean bhon phartaidh a tha nas fhaisg oirre, gheibh am pàrtaidh a tha nas fhaide air falbh barrachc bhotaidhean na fear seachd fear nan dà eile. Sin a thachair ann an 2000, chàil Gore Florida le 300 de dhiofar eadar esan 's Bush. Fhuair Nader 's am partaidh Uaine mìltean, (chan eil cuimhne agam cò mheud le cinnt). Cò as a thàinig na mìltean de bhotaidhean sin, 's ann à Gore.

Seo as coireach, 's e rud glè glè ainneamh gum faigh treas partaidh làmh an uachdar.

8:18 PM  

Post a Comment

<< Home