Aimsir Neònach
An t-seachdain-sa chaidh, bha i cho fuar ri -26C. An t-seachdain-sa, tha e doirbh a chreidsinn mar cho blàth sa tha i. Thòisich uisge a bhith an seachdain air ais. Chan eil seo cho neònach, ach lean i oirre a bhlàthachadh. Bha an talamh fhathast fuar 's bha an t-uisge a' reòthadh air an làr. Mar a shaoileadh tu, bha na rathaidean gu math sleamhainn. Tha e fhathast fuar gu leòr, 1 neo 2C ach air an t-sligh gu obair air mo bhaighsagail, bho àm gu àm mhothaichinn deòthan a bha cho blàth, dìreach airson diog neo dhà, shaoileadh tu gu robh thu ann am meadhan an t-samhraidh. 'S bha fàilidhean àraidh air a' ghaoith cuideachd.
Uill, an-diugh, bha i 16C. Agus a-rithist, 's e measgachadh neònach de blàths 's fuachd a bh' againn. Aig amannan, bha i fuar 's an uair sin biodh e cho blàth. Bha fàilidhean àraidh air a ghaoith nach do bhlas mi riamh cuideachd. Mhothaich a h-uile duine e 's sheas fiù 's an cù agam airson ùine mhòr airson blas fhaighinn dhen ghaoith.
Mar a tha mise a' tuigsinn na cùise, 's ann a tha a' ghaoth a' tighinn a-nall à sgìrean troipeagach fad' air falbh thar a' chuain.
Thog mi an dealbh seo sa mhadain air èiridh na grèine 's tha sinn a' faicinn mar a tha an loch a' leaghadh.
0 Comments:
Post a Comment
<< Home