An Gaidheal Alascanach

Monday, January 19, 2009

Latha Eachdraidheil

Tha latha eachdraidheil bu bhith ann nuair a thèid Obama a mhionnachadh a-steach mar Cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte.

An toiseach tha mi airson sùil a thoirt air Bush. Tha fhios gu bheil e caran fàiseanta a chàineadh o a h-uile taobh ach cha toil leam a bhith ro fhàiseanta.

Chan urrainn breitheanas ceart a thoirt air Bush gun a bhith smaoineachadh air 9/11 's a' bhuaidh a bh'ann dha. Cha bhith fios againn a-chaoidh dè sheòsa cheann-suidhe a bhiodh ann am Bush mura do thachairt an ionnsaigh uabhasach a bha seo. Bhàsaich an Seòras Bush a bhuannaich an taigh geall ann an 2000 nuair a sheas e air na tobhtaichean ann an New York corra làithean as deidh na h-ionnsaigh. Mhionnaich e nach tachradh a leithid a-riamh fhada sa bhiodh esan na cheann-suidhe. 'S ann air sailleamh sin a chaidh e gu cogadh ann an Iorac: gus stad a chuir ionnsaighean eile. Sin a bha fa-near dha, ge b' e cho cunnartach sa bha Iorac ann an da-riribh.

'S cha bhi fhios againn air mu dè a dheanadh Gore na àite. Tha e furasta dìochuimhneachadh mar cho trom sa Clinton an aghaidh Iorac, 's ann fo Chlinton a chaidh am poileasaidh Regime Change a stèidheachadh sa chiad dol-a-mach.

An gearan a th' agamsa ri thaobh a' chogaidh chan e gun deach sinn gu cogadh, 's e an dòigh sa làimhsich e an cogadh. An toiseach, cha do chuir e saighdearan gu leòr sa ghothaich. Chuir sinn an sàs an treas cuid de na b' againn ann an 1991 airson Kuwait a shaoradh. Ged a dh' fhoghain na bh' againn airson ruaig a chur air an arm Ioracach, cha robh feachdan gu leòr ann airson smachd sìobhalta a chumail air an dùthaich. Bha seo foilliseach cha mhòr bhon uair a bhuannaich iad Bagdad. 'S dè rinn iad an uair sin? Sgaoil iad an t-arm Iorach, an aon sian dhen seann riaghaltas a bh' air fhàgail air bheireadh smachd air an dùthaich 's sgaoil iad e.

Dhomh-sa, se seo am mearachd as miosa a rinn e.

'S e trì bliadhnaichean mus do thuig e gu robh feachdain a dhìth.

Ri thaobh an eaconomaidh, tha e nàdarach a bhith a' càineadh an duine a tha san taigh gheall nuair a thòisicheas an crionadh dhan eaconomaidh. Ach, feumaidh sinn cuimhneachadh gu bheil na freumhaichean dhen staing sa bheil sinn an-dràsda a' dol cho fad' air ais ri na seachdan 's na poileasaidhean an Riaghaltais ri thaobh taigheadas. An gearan a th' agam ri Bush 's an eaconomaidh, chan e gun do dh' adhbhraich na doighleadasan ach gu robh cothrom aige cùisean chur gu ceart nuair a ùine ann fhathast 's cha do chuir. Bha fianais ann mar tha air fàire ann an 2005 nach robh cùisean buileach rèidh le Fannae Mae 's Freddy Mac, na dhà bhuidhinn morgaidean a bh' air cùl na morgaidean gun ciall a bha iad a' toirt a-mach aig an àm. Bha fios aca, gum b' fheudar dhaibh an siostam atharrachadh. An fhìrinn, 's iad na Poblachdaich 's na Deamocrataich còmhla as coireach ach 's e Bush a chaidh a choireachadh.

Gearan eile a th' agam mu Bush, 's e gun do chosg e cus. Mar as àbhaist 's iad na deamocrataich a bhios a' cosg cus ach le Bush, tha sinn a' faicinn nach eil sin daonnan fìor. Seo as coireach gu robh mi cho deigheil airson Palin. Mar dhuine a tha ag obair airson an riaghaltais Alasga, tha mise a' faicin mar a tha i a' cumail cosgaisean fo smachd ann an dòigh a tha cho ainneamh an latha an-diugh.

Mus fhàg mi Bush, bu mhath leam iomradh dheanamh air na rudan matha a rinn e. Às deidh na h-ionnsaighean, dh' aithnich e gu robh sinn mar tha ann an cogadh. Chuir e stad air a bhith dèighleachadh ri ceannarchdachd mar cùis-fhir-lagha 's dh' aithnich e gur cùis-shaighdearan a bh' ann. Dh' aithnich e cuideachd gum b' fheàrr stad a chur air an ath ionnsaigh seach a bith a'feitheamh ris gu sunndach 's a bhith sgioblachadh às deidh làimh.

Obama

Feumaidh mi aideachadh an toiseach nach do bhot mi air a shon. Tha an fheallsanachd phoiliteagach aigesan gu math diofraichte bhon tè agamsa. Ach feumaidh sinn aithneachadh mar cho eachdreacheil sa tha an latha seo. Chaidh an dùthaich seo stèidheachadh air prionnsapalan cudthromach: gu bheil a h-uile duine co-ionnan 's gu bheil còireachan aca bho Dhia. Ach bha beàrnn mòr mòr ann eadar an prionnsapal s an da-riribh. Bha fiù 's tràillean aig Jefferson a chuir guth air na prionnsapalan sin. Agus 's e eachdraidh fhada 's aig àmannan fuilteach a th' air a bhith againn ann an bhith a' coilìonadh a' bheàrn a tha seo. Le Obama a' buannachadh an taigh ghil, 's e ceum eile san iomairt seo. Tha mi a' cantainn sin ged a bhot mi airson an duin' eile.

Agus tha mi an dòchas gun soirbhich leis. Tha dùbhlan mòra mu choinneamh, tha fhios. Tha an eaconomaidh ann an staing. Tha mi an dòchas gun cuir e cùisean na s' fheàrr gun a bhith a' cur cus air na fiachan a th' oirnn 's gun a bhith a' cur cìsean an àrd. Feumaidh e a bhith faiceallach ri thaobh Pakistan. Tha an riaghaltas caran caogalach ann an sin 's ma thuiteas e, tha eagal orm gun tuit an armachd-niùcleasach aca ann an droch làmhan.

Tha rudan eile ach foghainich siud an diugh.








Seo as coireach gun deach e gu cogadh ann an Iorac, 's chan ann air sailleamh gu robh

0 Comments:

Post a Comment

<< Home