An Gaidheal Alascanach

Monday, March 02, 2009

Nas Miosa na Shaoil mi

Uill, cha do bhòd mi airson Obama, 's dòcha ma tha nach eil e na cus ioghnadh nach eil e a' còrdadh rium gu mòr. Ach 's ann thar creideis an naidheachd a chuala mi an-diugh.

Tha mi ag obair airson an riaghaltais Alasga 's tha mi air a bhith leantainn na h-uidhear de dh' airgead sa tha Alasga gu bhith faighinn as an stimulus bill. $400 millian a reir coltais, 's dòcha an siathamh cuid na bu chòir a-reir aireamh-shluaigh Alasga. Uill, an-diugh chuala mi gu bheil Hiliary Clinton a' tabhainn 900 millean dolar airson na roinn Gaza, còrr 's dà uidhear sa tha Alasga a' faighinn ged nach eile Gaza na phàirt nan Stàitean Aonaichte. Bha sinn a' cabadaich mu dheidhinn san oifis 's mhol cuideigin gum bu chòir dhuinn rogaidean a cheannach. Tha baile beag air taobh thall nan crìochan ann an Canada ris an can iad Atlin. 'S mathaid nan thilleadh sinn rogaidean orra gum faigheadh sinn taic bho ar riaghaltas againn fhèin.

Amaideas! A bheil teagamh aig duine sam bith, as deidh dhuinn $ 900 millean a cheitheamh orra ann an sin, gum bi iad fhathast ag eigheachd aig àrd an claigean airson ar fala.

6 Comments:

Blogger Steaphan MacRisnidh said...

Obh, obh. Duisg, a Thearlaich. Chan eil muinntir bochd Ghasa ag eigheachd aig aird an claiginn ach airson am beatha 's an saoghal sabhailte aca fhein! Oh agus tha mi cinnteach gum bu mhath na miltean aca taigh a dh' fhuireach ann bhon a chaidh a leagail le bomaichean Israel.

6:50 AM  
Blogger Steaphan MacRisnidh said...

Ma bhios uidh agad. Seo deagh aiste air na tha aig na Paileastaineach rin giulan.

http://news.bbc.co.uk/2/hi/middle_east/7919832.stm

Agus, iomhaigh saideal, a' taisbeanadh na h-ionnsaighean a thug an da chuid Hamas agus Israel air toglaichean is taighean.

http://news.bbc.co.uk/2/hi/middle_east/7812136.stm

9:11 AM  
Blogger tearlach61 said...

Leugh mi na ceagnail sin. Inntinneach. Tha an iomhaid saideal a' dol air ais ach gu deireadh an Dùghlachd, 2008Saoilidh gum bu chòir dhan timeline tòiseachadh ann an 2005 nuair a thagh Gaza Hamas gu bhith os an cionn mar riaghaltas 's nuair a thòisich iad an uair sin rogaidean a thilgeal air Israel, 6,000 dhiubh a-reir na chuala mi.

9:56 PM  
Anonymous Anonymous said...

de tha ceart agus de tha cearr?- chan eil cail fhios'm. chan eil ach an fheadhainn neochionntach ga fhulang ge-ta. Ann an Israel agus Gaza

5:25 AM  
Blogger Steaphan MacRisnidh said...

Tha e follaiseach bhon fhianais a tha air iomadh làrach-naidheachd gur iad na Paileastaineach as motha a tha a’ fulang. ( a thaobh àireamh). ‘S iad na Paileastaineach ann an Ierusalem agus Bruach an Iar a tha Israel a’ fuadach le bhith a’ leigeil an taighean. Buinidh an cuid as motha de mhuinntir Ghàsa do dhaoine a chaidh fhuadach às na dachaighean acasan bho chionn bliadhnaichean. Tha e follaiseach gur e Israel as motha tha ceàrr. ‘S e coloinidh Eòrpach-Aimearaganach a th’ ann an Israel oir tha e stèidhte air na beachd-smuaintean a bh’ aig Zionists san Roinn Eòrpa. A bharrachd air sin, a-rèir na fianais a leugh mi fhìn, ‘s tric a bhios buidhnean mar Amnesty International agus buidhnean cudthromach eile a’ càineadh dol a-mach Israel, agus chan eil ann ach Riaghaltas Israel e fhèin agus Aimearagaidh a chumas taic ris na gnìomhan dèistinneach a bhios iad ris. Dè mu dheidhinn, a Theàrlaich, a bhith a’ càineadh do Riaghaltas fhèin airson an t-airgead a bhios iad a’ toirt do Israel? Sin a’ bheachd agam fhèin, chan eil càil a dh’ fhios agam dè cho math ‘s a tha an taic a bhios Alasga faighinn!

8:18 AM  
Blogger tearlach61 said...

Nuair a chanas mi Gaza, 's e a tha mi a' ciallachadh Hamas a tha ga riaghaladh. Seo ciangal dhan bhun-reachd Hamais:

http://www.acpr.org.il/resources/hamascharter.html

far a bheil iad a' mionnan cur as do Israel 's binn-bhàis do Phalistinianach sam bith a tha deònach conaltradh le Israel.

S iomach bomaichean fhèin mhartach a rinn Hamas an-aghaidh Israel thar na bliadhnaichean. Nuair a dhùin Israel na crìochan, thòisich Hamas an uairsin rogaidean a losgadh oirre.

Agus air reir nan aireamhan. Nan robh nabaidh agam a losgadh peilearan tron taigh agam 's ag eigheachd cur as dhomh, chan fheithinn gum bhàsaich fear de na clann agam. Dh'fheuchinn stad a chur orra sa bhad agus cha b' an t-amas dhomh co-ionnanachd nam marbh a bhith eadarainn, b' e stad a chur orra gu shìmplidh mus bhàsaich duine de na clann agam.

Chan eil mi airson taic a thoirt do bhuidhean de bhomairean fhèin mairbhteach 's aig a bheil mionnan sgrios-cinnich a dheanamh.

Air an làimh eile, dhomh-sa b' fhiach a h-uile sgillin a thugadh a dh' Israel nuair a mhill iad an t-inneal niùicleasach a bh' Iorac ann an 1982. Aig Dia tha fhios cò mheud a tha beò an-diugh air sàilleamh sna rinn Israel aig an àm ud.

10:39 PM  

Post a Comment

<< Home