An Gaidheal Alascanach

Wednesday, February 18, 2009

An Cù agam 's am madadh-allaidh


Latha na Sabaid, chaidh mi a-mach air cuairt-ski air an loch 's an cù agam cuide rium. Latha breagha a bh' ann, ged a bha i sgothach cha robh i ro fhuar, -3C 's dòcha.

Co-dhiù, bha cuideigin air faighneachd dhomh an latha sin fhèin nan robh mi air mòran fhaicinn dhen mhadadh-allaidh. B' fheudar dhomh aideachadh nach robh. Fhuair mi grad-shealladh dheth uair san t-samhain agus a-rithist ron an Nollaig chunnaic mi e na laighe pios beag air falbh ron an Nollaig (nochd an bhideo a rinn mi an uair sin air youtube). 'S thuirt mi rium fhìn: 's mathaid gu bheil e caran diùid am bliadhna, 's dòcha gu bheil iad a' cur eagal air le bhith losgadh peilearan neo-mhairteach airson a chumail air falbh bho mic-an-duine.

Co-dhiù, chaidh sinn gu aghaidh dhen eighr-shruth 's chuir car ùine ann an sin, a' cnuasachadh oirre 's an uair sin, thill air chun an taighe.

Uill, air an t-slighe, deagh phios as, nochd am madadh-allaidh as a' choille. Stad sin. Ged a bha e fad' air falbh. Chunnaic an cù agamsa e. Chan eil dad as fheàrr le Nellie na bhith cluich le coin eile 's tha sùil gheur aice ann a bhith faicinn coin eile. Dh'fhàs cruth caol 's thòisich e a dhlùthachadh oirnn. Dà cheud slat air falbh. Ceud. Leth cheud. Rinn an Nellie ceum neo dha thuige. Eigh oirre 's stad i. Laigh i chun an làr. Sin a nì nuaur a tha ùidh mhòr ann a bhith cluich. Chùm am madadh-allaidh air thugainn gus mu dheireadh bha e mu choinneamh a' choin agam-sa. Sheas Nellie 's thòisich iad fàileadh a ghabhail air a chèile. 'S ann an uair sin a thog mi an dealbh a tha sibh a' faicinn an seo.

'S toigh leam a shùilean.

Chluich iad gu socair ri chèile rud beag gus mu dheireadh ghairm mi thugam an cù agamsa. Dh' fhalbh am madadh-allaidh na throt 's thill an cù agam thugam.

Tha e doirbh a ràdh air gu dè am beachd a bh' aig an cù agam-sa. Bha ùidh mhòr aice air ceart gu leòr ach bha rud neo dhà a bha caran eadar-dhealaichte mun a' chùis. Fhois agad, 's e German Shepherd a th' ann an cù agamsa. Caran beag an taca ris a' mhòr chuid de German Shepherd ach uabhasach fhèin làidir mòr gu leòr an taca ris a' mhòr chuid de choin. 'S tha i làn spionaidh. Cha bhi i a' cluich ach a' dean-cluich 's tha i garbh aig amannan 's bith sin a' cur dragh air na coin eile aig amannan. Ach leis a' madhadh-allaidh, chanainn-sa gu robh Nellie mothachail gu robh am madadh-allaid fada na bu mhotha 's na bu làidire an taca rithe-se oir ghabh Nellie gu mòr air a socair. 'S mar as àbhaist, tha e gu math doirbh Nellie a ghairm à bhith cluich 's gann gu bheil i a' toirt for sam bith dhomh aig amannan. Ach an turas seo, thàinig i thugam cha mhòr sa bhad.

1 Comments:

Anonymous Anonymous said...

dealbh mhìorbhaileach a charaid!

3:32 PM  

Post a Comment

<< Home