An Gaidheal Alascanach

Monday, March 30, 2009

Naidheachdan as ùire mun a' Mhadadh-Allaidh

A-rèir coltais, tha Romeo a' gabhail ri buidheann de mhadaidhean-allaidh a th' air gluasad a-steach dhan sgìre seo. Fear as aithne dhomh, thuirt e gun fhaca e e a' gabhail ri madadh-allaidh boireann gorm. Thuirt e cuideachd gun do thachair e ri tòrr mòr làraichean madadh-allaidh. Bithear a' cluinntinn feadhainn aca a' seinn cuideachd ged nach chuala mise ach Romeo fhèin. Comhlaire an latha 's e sùil as ghèire a chumail air a' chù agad. Chan eil a' bhuidheann ùr seo buailteach a bhith cho fialaich sa tha Romeo air a bhith.



An-diugh bha mi a-mach air cuairt sgith, bha an sneachd caran bog feumaidh mi ràdh, 's chunnaic mi Romeo 's e a' cur dragh air buidhean de luchd-coiseachd. Rachadh e nam measg a' feuchainn ri cluich ris na coin. Bha duine ann ris an can mise "The wolf wisperer." Tha e an comhnaidh a-mach leis a' mhadadh-allaidh fiù as t-samhradh nuair a bhios am madadh-allaidh sa mhòr chuid à sealladh. Co-dhiù, nochd e as a' choille airson còir a thoirt dhaibh 's a chumail air falbh bhuamhpa:



Aig amannan, bhiodh am madadh-allaidh coiseachd ri thaobh mar gur e cù a bh' ann.



An e eucearraich a th' annam neo an do dh' fhulaing mi Geur-leanmhain an Rialtais?

Chaidh mi pheinneasachadh o chionn corra seachdainnean air sgàth gun do leig mi an cù agam ma sgaoil 's am madadh-allaidh faisg air làimh. Bha mi air cuairt sgith 's tha am madadh-allaidh a' leanntain gu dlùth buidheann eile. Bha coin aca. Stad mi 's thog mi corra dealbhan 's bhideo de na bha tachairt. Mus do thuig mi dè bha tachairt, dhlùthaich a' bhuidheann ro fhaisg orm 's thòisich an cù agamsa a chluich leis na coin acasan 's thòisich am madadh-allaidh a chluich leotha, buidhean de còig coin a' cluich gu garbh air an deidh. Mus d' fhuair an cù agam air ais, bha seòrsa de phoileasman bho Choille Nàiseanta air nochdadh 's a' sgrìobhadh tiocaidean dhuinn. $50.

An toiseach, cha robh beachd taobh seachd taobh agam mun a' chùis ach gabh cuid de na co-obraichean agam feirg nuair a dh' innse mi dhaibh 's mar chnuasaich mi air, dh' fhàs mi mi-chinnteach mu dheidhinn. Dà latha as deidh sin, bha mi a-mach air an deidh, air an loch, 's chunnaic mi an dearbh poileasman a-rithist, na sheasamh aig bruaich an locha 's prosbaig aige gu a shùilean a' coimhead air a h-uile nì a bha tachairt air an loch. Ghabh mi feirg an nuair sin. Smaoinich, a dhuine, tha bhod agad nad làimh a' deanamh uisge 's faodaidh tu bhith fo phrosbaig amadain an riaghaltais!

Bho sin a-mach 's Mo Naiseach Beag (my little nazi) a bh' agam ris.

Co-dhiù, corra làithean as deidh sin, chaidh mi a-mach air cuairt sgith a-rithist. 'S e latha breagha a bh' ann. Grianach ach le ceò ìosal ann an siud 's an seo. Chaidh mi a-steach dhan phìos de sgoth cheathaich a bh' air a soilleachadh leis a' grèin agus cò as nochd as a' cheathaich mar thaibhs ann an seann sgeul Jack London ach mo Naiseach Beag 's gunna aige crochte air a chrios. Dè a rinn mi ach dealbh a thogail dheth:

0 Comments:

Post a Comment

<< Home