Gam chumail blàth air mo bhaighsaigeil 's i mu -22C
Bha i -22C nuair a dh' fhàg mi an taigh an-diugh. 'S e cuairt mhath a bh' agam, 's bha mi blàth gu leòr. Tha cuimhne mhath dhomh aig toiseach a' gheamhraidh, bha mi uabhasach fhèin fuar 's cha robh i ach -13C.
Fad mo bheatha mar inbheach cha mhòr, tha mi air a bhith a`dol a dh' obair air bhaighsaideil, geamhradh neo samhradh, "...uisg' neo gaoth neo fiadh mar a chanas iad." 'S e cuairt sia mìle gu leth a th' ann agus 's e sneachd an aon duighleadas a chuireas cus bacadh orm. Tha carbad againn ceart gu leòr, ach 's ann aig mo bhean a tha e mar as trice. Bith mo bhean a' toirt ar nighean dhan sgoil 's a-nise, leis gu bheil cosnadh ùr aice, chan eil teans sam bith agam gum faigh mi an carbad, ge be an aimsir. Nuair bhios i ro gharbh, ma tha cus sneachd ann mar eiseimpleir, 's ann air bus thèid mi.
Aon doighleadas as miosa 's e mo chasan. Airson greis, bha riaghailt agam: nuair tha i nas fhuaire na -15C, 's e bus as fheudar. Ach an t-seachdain sa chaidh, bha i bha -16C 's dh' fheuch mi a-rithist air bhaighsaigeal 's a-rithist, bha mo chasan uabhasach fhèin fuar.
Sa mhadainn an-diugh, bha i -22C 's shaoil mi gum bu chòir dhomh dhol air a' bhus ach dh' fheuch mi a-rithist agus gu h-iongntach, bha mi blàth gu leòr, cha robh duighleadas sam bith agam. Dè a rinn mi gu eadar-dhealaichte? Uill, sa chiad dol a-mach, dh' òl mi uisge mus do dh' fhàg mi an taigh. Thèid an fhùil tro do chuislean nas fhasa ma tha uisge gu leòr annad. Rud eile, 's e gun do dh' fhàg mi mo bhrògan mu choinneamh na stòbha fad na h-oidhche 's tha iad blàth tioram nuair a chuir mi orm iad, seo cuide ri stocainnean tiugh tiorm de chloimhe. Cha robh mi cho faiceallach an turas mu dheireadh 's mas math mo chuimhne bha mo brògan caran taiseach an t-seachdain-sa chaidh nuair a bha -16C. Chan eile dad nas miosa na taiseachd nuair a tha fuar.
0 Comments:
Post a Comment
<< Home