An Gaidheal Alascanach

Friday, March 20, 2009

Am measg na h-Ùpraid: rudeigin nas miosa



Tha ùpraid gu leòr air a bhith ann mu na bonuses a fhuair cuid dhe na ceannardan do AIG an t-seachdainn-sa, ùpraid 's aimhreit 's bheireas dom aire linn Ar-a-mach nam Fraingeach nuair a dh' èigheadh na gràisgean mòra na cinn a gheàrradh de naimhdean a' mhòir shluaigh 's mar a lean an ar-a-mach adhart, dh' fhaodadh duine sam thuiteam fo amharas 's a cheann a chall.

Bha mi fhìn caran amharasach. Dè tha tachairt an dà-riribh? 'S e cleas mealltach a th' ann, tha mi cinnteach. Tha rudeigin eile a' tachairt neo tha iad a' cur ar n-aire bho chiont eile. Sin a shaoil mi. Uill, cuin a bha seo, dimart 's dòcha, chuala sinn gur e Chris Dodd, seanadair deamocratach à Conneticut a chuir earran sa Stimulus Bill a chum tèarnte na bonuses. 'S le eigh àrd, thionndaidh na gràisgean thuigesan. Uill, thòisich e ri innse le cabhag na ghuth (dìreach mar a dheanadh an fheadhainn a bha fo chasaid a'mhòir shluaigh san Fhraing ri linn 1793) cò as a thàinig an earran a tha seo. Agus a-reir coltas, 's ann às an Roinn Ionmhais (the Treasury Department) a thàinig an earran seo bho thùs.

Agus lean an ùpraid oirre. Sgeul inntinneach gun teagamh. Ach dhomh-sa chan e seo an sgeul as motha neo as miosa na seachdain-sa. Tha Obama a' moladh buidead a chosgadh suas gu 3 trillion gu leth dolaran le suas 1.2 trillion a' dol air iasad. 'S dh' fhaighnich mise, seo corra seachdainnean air ais, dè mura rèicear fiachan gu leòr? Feumaidh cuideigin neo correigin na bonds a tha seo a cheannach. Dè mura bheil na margaidhean deònach iasadan-airgid a thoirt dhuinn? Tha fhios gur iad na Sionnaich a mhaoinich sinn sa mhòr chuid thar na bliadhnaichean mu dheireadh agus tha iad a-nis air a bhith gearan sna làithean mu dheireadh gur dòcha nach fhiach leotha sin a dheanamh tuilleadh.

Uill, dh' innse am Federal Reserve an t-seachdainn-sa gu bheil iad gus aon trillion dolaran de bhonds a cheannach! 'S beag aire a fhuair sin sna naidheachdan. Tha sin a' ciallachadh mura a bheil na Sionaich, neo na margaidhean san fharsaighneach, deònach iasadan a thoirt dhuinn, gun chlo-bualaich sinn sna tha dhìth! 'S e amaideas thar thomhais a tha seo! Agus airson an dealbh uabhasach seo a choilionadh, chaidh innse an-diùgh fhèin, air reir figearan ro-mheasta, gun èiridh an easbhaidh suas ri 1.8 trillion dolaran. Tha sinn a' ciallachadh gu bheil sinn a' cosg dà uimhir sna tha tìghinn a-steach 's gu bheil againn ris an leth chuid na chosgar fhaighinn air iasad 's gu bheil sinn a' clo-bualadh a' chuid as motha dhen iasadan a tha sin.

Tha na faclan a dhìth. Tha na h-easlaintich a' ruith an taigh-cuthaich!

0 Comments:

Post a Comment

<< Home