Cuairt Chanada - Chiad Latha
Tha sinn air cuairt-càir tro sgìrean uaigneach sa cheann an iar-thuath Canada. 'S e seo ar ceithreamh latha a-mach 's tha sinn a-nis a' dlùthachadh a Edmonton ag amas a Chalgary.
Nì mi turasgeul de na rinn sinn gu ruige seo a' tòiseachadh leis a' chiad latha, an latha a dh' fhàg sinn Juneau.
Dh'fhàg Juneau latha na Sabaid 's cha do chuir sin ach còig mìle air a' chàr againn on gur ann air aiseag a bha sinn a' siubhal. Chòrd an cuairt aiseag rium gu mòr. Chaidh sinn suas meur na mara a dh' fhàs na bu chaoile 's na bu chaoile 's bha beanntain cho garbh air gach taobh dhinn.
Mu dheireadh aig naoi uairean feasgar, ràinig sinn Skagway. Aig an uair sinn, cha robh fiù 's cat a bha gluasad air na sràidean. Tha blas mòr eachdraidheil air a' bhaile ge-ta, le tòrr mòr toglaichean o àm Gold Rush ann.
Aon rud a bu mhath leam dheanamh, 's e an trèana a ghabhail, 's e trèana seann nòs a th' ann le einnsin ceò a dh' fhaodas tu ghabhail a Whitehorse. Saoilidh mi gum biodh an turas trèana gu math tlachdmhòr.
0 Comments:
Post a Comment
<< Home