An Gaidheal Alascanach

Friday, July 03, 2009

Cuairt Canada - Cuairt a Phàirc Nàiseanta Jasper


As deidh dhuinn corra làithean a chur seachad ann an Calgary, chaidh sinn chun an àrd an iar gu Pàircean Nàiseanta Bannf agus Jasper. Uabhasach fhèin brèagha, tha rathad a ruitheas suas ri ceud gu leth mìle am measg nam beann. Bha na beanntain cho àlainn, bu ghann a b' urrainn mo lèirsinn a chreidsinn. Bha air a chluinntinn mar cho àlainn sa tha na beanntain sin, ach cha robh na chuala mi letheach slighe mar a chunnaic mi iad.

Duine sam bith aig a bheil cothrom dràibheadh nam measg, mholainn-sa gu cinnteach dhaol ann. Tha amharasach agam gu bheil fhios aig cuid air a sin mar tha, oir chuala mi tòrr mòr cànain na Roinn Eòrpa fhad sa bha sinn ann, agus à Aisia cuideachd.

Co-dhiù, 's ann a dhràibh sinn a Jasper agus 's ann an sin a dh'fhuirich sin corra làithean.

Bheir mi aithris air an sgìre mu thimcheall Jasper ma tha cothrom dhomh.

0 Comments:

Post a Comment

<< Home