An Gaidheal Alascanach

Tuesday, June 23, 2009

Cuairt Canada - Treas Latha



Rinn 450 mìle an-dhiugh agus bha an duthaich uabhasach fhèin brèagha. Chaidh sinn thairis air àrd-dhruim nam beann creagach. Chunnaic sinn sneachdan ùra air na h-àrd-mhullaichean a bha cho lom. Chunnaic sinn tòrr mòr beathaichean. Bison, Bison na Coille leis an fhìrinn innse, roinn caran ainneamh a' ghnè Bison as àbhaist a bhi fuireachd sna coilltean seach air na prairies mar a nì roinn nam bisons a bha nas bitheanta.

Chunnaic mathain, ceithir dhiubh, sionnach a' ruith le pròis 's coinneamh na bheul (bha an coinneamh marbh mar a shaoileadh tu). Dè eile a chunnaic sinn, coyote agus fiadh.

Aon rud a ghlac m' aire, 's e cho trang sa tha na sgìrean timcheall air a' bhaile Fort Nelson. Bha tòrr mòr làraidhean an sreath a chèile a' dol gu tuath a dh' ionnsaidh. Biastan mòra de làraidhean le tangairean mòra air an slaodadh as an deidh. Tha tòrr mòr ola agus gas sa sgìre sin. Chunnaic seallaidhean mar sin an ath-latha.

Mu dheireadh, dh' fhuirich sinn ann am bothan fiodha ri thaobh abhainn air a bheil Sustinni mas matha mo chuimhne. Ri thaobh an rathaid mhòir aig bonn slèibh fhada, chuala sinn na làraichean mòra a' dol seachad. Bha lùib mharbhteach aig bonn na slèibhe cuideachhd 's dh' fhaighnich dhen duine far an robh sinn nan robh tubaistean sam bith aig lùib an rathaid sin. Agus gu dearbh bha, dhà thubaist a chaidh innse domh. Cha deach duine a mharbhadh ach chaidh tòrr mòr plywood 's pìoban a sgapadh air feadh an àite nuair a chaill làraidh mhòr an drochaid.

Co-dhiu, b' e seo an treas latha againn.

Deasachadh a bharrachd. Tha mo chuimhne a tighinn air ais thugam. Chunnaic sinn dhà mhoose agus cuideachd caora-bheinne.

A' chiad fhianais a fhuair sinn gu robh bison mòra gu bhith san rathad 's e cnapan mòra de chac ri taobh an rathaid. Nuair a chunnaic mi iad sin, thuirt mi rium fhèin, chan eil mi airson tubaist fhaighinn leis a' bheathach a rinn am biast de chaca tha seo 's chuir mi mo shùilean shealgaireachd orm. Bha fios agam nach fhaicinn i na seasamh gu h-àrd 's a taobh thugam ann am meadhan rathad mòr an rìgh mar a chìthear air na seann sgillinn ameireaganach ach gun grad-leumadh i gun fhiosda bho à sealladh mu coinneamh a' chàir againn. Mar sinn bha sùilean geura orm a' sìor-rannsachadh gu minideach iomall an rathaid. Agus gu dearbh, 's ann mar sin a chunnaic mi a' chiad buidhinn dhiubh: mar dhath neònach an aghaidh gormachd iomall an rathaid. Rudeigin donn, fada ro mhòr airson a bhith na chnap cac.

0 Comments:

Post a Comment

<< Home