Cuairt Canada - Tilleadh agus coinneachadh ri Gàidheal ann an Haines
'S e còir 's seachdainn on a thill sinn a dh'Iuneau ach tha rud neo dhà a bu mhath leam innse fhathast. Rinn an t-slighe eadar Jasper 's Haines, Alaska ann an ceithir làithean. Chaidh sinn a fearann uncle mo mhnà (neo mo bhean mas fheàrr leat), pìos beag gu tuas bho Edmonton. Tha crodh aige ann an sin. Uabhasach fhèin breagha. Tha deagh chuimhne agam air an nuair a rinn ar slighe a dh'Alasga o chionn fichead bliadhna. B'e math ar clann sin a dh'fhaicinn. Bha e uabhasach fhèin tiorm ann an sin. Tha uisge air a bhith gu math gann. Tha tobair-èiridh ann nach do thiormaich riamh roimhe a thiormaich lath mus do ràinig sinn ann. Bith iad a'togail cruithneachd sa sgìre cuideachd agus mar as àbhaist, bith iad a'buan dà thuras, an toiseachd an iuchair 's san t-Sultain. Ach bha an cruithneachd na bu choltaiche ri feusag dheugaire air sàilleamh dìth uisge.
Co-dhiù, lean sinn oirnn a dh' ionnsaigh far a gheibheadh sin aiseag air ais a dh'Iuneau. Rudeigin mar 1300 mìle ann an trì latha 's bha sinn seachd sgìth de bhith dràibheadh aig an deireadh. Ach bha cothrom agam an dealbh seo a thogail. Tha e a'cur am follais farsaigneachd 's mar cho bàn sa na sgìrean seo Canada.
An t-slighe a-steach a Haines, chunnaic sinn seallaidhean dhen garbhlaich chun an iar. Gu iar Haines, tha e uabhasach fhèin garbh. Suas ri 6,000 meatairean tha na beanntain ag èiridh 's seo dealbh dhen chuid dheth.
O chionn bliadhna gu leth, sheinn òran Gàidhlig aig suipear Burns. Mar a bha mi a' fàgail an àite sin, thàinig duine am ionnsaigh. 'S ann à Haines a bh' ann 's bha Gàidhlig aige. Thòisich e ionnsachadh na Gàidhlig o chionn deich bliadhna. Chleachd e gu mòr, dìreach mar a rinn mise, litir do luchd-ionnsachaidh, tha a' leughadh Bìoball Gàidhlig seachd Bìoball Beurla an eaglais 's bha àm ann nuair a bhruidhinn e Gàidhlig ri tè dhe a chloinn. Co-dhiù, choinnich mi ris nuair a bha sinn an Haines. An toiseach, bha an comhradh caran cugalach leis nach aithne duinn chèile gu mòr ach mean air mhean bhruidhin air gràdh ar cànainn. 'S e bard a th'ann 's aithris e pios de bhàrdachd (ann am Beurla) mu Alasga a chòrd rium gu mòr. Bha pìosan de bhàrdachd Gàidhlig air an ipod agam 's dh'èist e riutha.
Chòrd e rium gu mòr coinneachadh ris. Gach fhoghar, 's àbhaist dha tighinn a dh'Iuneau 's tha sinn an dòchas chèilidh Gàidhlig chur air dòigh leis an fheadhainn aig a bheil h-uibhir de Ghàidhlig 's leis ar bràthrean Eireannach a th'againn sa sgìre seo cuideachd. Seo dealbh dheth a leanas:
0 Comments:
Post a Comment
<< Home