An Gaidheal Alascanach

Friday, July 10, 2009

Fèille Canada ann an Jasper





Air ar treas latha an Jasper, dh'èirich sinn, mise 's mo bhràthair-chèile co-dhiù, ro èiridh na grèine feuch am faigh sinn deagh dhealbhan dhe na chiad ghathan na grèine air na beanntain chun àrd an iar. Gu mi-fhortanach, bha i sgothach 's cha d'fhuair sinn seallaidhean buileach mar a bha sinn an dùil, breagha ceart gu leòr ach as aonais na gathan grèine air an robh sinn an dùil. Ach fhuair sinn tlachd às a'mhadainn co-dhiù, gu h-àraidh air ar slighe air ais.

Bha sinn air cnoc lom le seallaidhean matha sìos air an t-abhainn Athasbasca agus air rathad beag a bha seo a tha a' dol tarsainn oirre. Agus dè a chunnaic sinn, shìos air an rathad ach buidhinn de bheathaichean a'dol air ais 's air adhart thairis air an rathaid. Cha robh sinn buileach sinnteach de seòrsa de bheathaichean a bh'annta air sàilleamh an astair: fèidh 's dòcha? Bha teagamh agam bhon dòigh a bh' aca ri ruith. Bith na fèidh a' leum fhad sa ruitheas iad. An uairsin, thòisich iad a' cluich ri chèile mar a chìthear coin. Coyotes a bh' annta. Chaidh sìos, feuch am faigh sinn seallach na b'fheàrr dhiubh.

Agus air ar slighe sìos, chunnaic sinn damh mòr ag ionaltradh gu sìtheil aig bruach na h-aibhne. Seallaibh air a' chiad dealbh feuch am faigh sibh a lorg ann, chaidh e a thogail nuair a bha sinn fhathast fad air falbh bhuithe. Fhuair sinn na b'fhaisge, fada na b'fhaisge agus fhuair mi an darna dealbh. Fhuair sinn sealladh eile dhe na coyotes ach cha b' ann an dealbh ach air bhideo, rud nach eile deiseil an dràsda.

Uill, 's e fèille Canada a bh' anns an latha sinn, 's chaidh sin do na tacharstan, a'gabhail a-steach caismeachd. Bha dualschas Albanach gu mòr am fianais, le còmhla pìob ann.

1 Comments:

Anonymous Dòmhnall said...

'S toigh leam do Bhlog, ma tha thu airson ceangal a chur riumsa thoir sùil air http://domhnallmorris.blogspot.com/

Dùrachdan, Dòmhnall

10:17 AM  

Post a Comment

<< Home