Smuaintean mu Beatha 's Bàs Kennedy
Tòrr mòr molaidhean gan cluinntinn às deidh bàs Edward Kennedy.
Uill, tha smuain neo dhà agamsa a tha caran diofraichte bhon a mhòr chuid a chuala mi gu ruige seo, sna meadhonan co-dhiù.
Anns a' chiad dol-a-mach, bha Kennedy fada fada air làimh chlì an tacha ris a'mhòr chuid de luchd-bhotaidh sna Stàitean. Cuiridh mi geall nach fhaigheadh e a thaghadh ach ann an glè bheag de stàitean taobh a-muigh na Massachusetts a riochdaich e thar còir 's ceathrad bliadhna.
A bharrachd air a sin, bha e na fhianais cinnteach gu bheil an cuid riaghailtean airson luchd-polaiteags air a làimh chlì gu tur diofraichte bho na daoine àbhaisteach neo gu dearbh bho luchd-polaiteaga air a làimh dheis. Ann an 1969, bha e ann an sàs bàs boireannaich, Mary Jo Kopechne an eilean Chappaquiddick am Martha's Vinyard. Bha Kennedy a' dràibheadh càr anns a robh Kopechne 's chàill e drochaid a bha seo 's chaidh an càr far na drochaid dhan uisge. Chaidh an càr fodha. Fhuair esan a-mach, cha d'fhuair ise. Cha do rinn aithris e dhan phoileas ach as deidh gun deach chorp a' bhoireannaich a lorg le iasgairean an ath-latha.
Tha tòrr fiosrachadh mun a thachair ri fhaighinn furasda gu leòr 's chan eil mi airson dhol ann nas doimhne na sin, ach an gearan a th'agamsa 's a th'aig mòran, 's e gun rachadh duine sam bith eile dhan phrìosan nan dheanadh iad an dearbh rud. Mar a thuirt mi, tha dhà lagh ann, an darna tè airson Kennedy 's an tè èile airson an chàch.
0 Comments:
Post a Comment
<< Home