An Gaidheal Alascanach

Friday, September 18, 2009

Deasbad mu sheirbheis Slàinte sna S.A.

An-diugh fhèin, fhuair piuthar-mathar mo bhean lannsaireachd air a cridhe. Bha e air innse dhith mura a fhuair i an lannsaireachd a bha sin, dh'fhaodadh i bàsachadh taobh a-staigh sia mìosan. B'e seo san Fhaoileach. B'fheudar dhi feitheamh còir is naoi mìosan. Tha i a'fuireachd ann an Canada agus 's ann mar sin a bhios cùisean ag obair ann an sin. Feumaidh tu feitheamh. Agus 's ann air fìor èiginn a thàinig i beò as ma thig i idir, oir cha d'fhuair sinn fios fhathast ciamar a chaidh dhi.

Tha co-obraiche agam an-seo. Tha athair aige aig 's b'fheudar dhasan lannsaireachd fhaighinn air a chridhe cuideachd agus fhuair e e gun dàil ged nach robh insurance slàinte aige. Fhuair e cuideachd cunntas airson leth-mhillion dollar. Pàighidh e air a shon airson a'chòir de a bheatha.

Nise, dè as miosa? Bàsachadh air sàilleamh dìth seibheis slàinte neo cunntas mòr agad? Mas ann a'deasbad seirbheis slàinte a tha sinn, chanainn-sa bàsachadh air sàilleamh dìth seirbheis slàinte.

Seo am beachd a th'agamsa an-diugh ach feumaidh aideachadh nach b'e seo am beachd a bh'agam nuair a ghluais sinn do na Stàitean Aonaichte o Chanada o chionn fichead bliadhna. Bha fios againn uile mar a bha cùisean sna Stàitean Aonaichte an taca ri Canada. Bha na h-eusàintich a'bàsachadh air sàilleamh dìth airgid agus dh'fhaodadh tuisleadh as lùgha do chur fo fhiachan mòra airson a' chòir dhe do bheatha. Gu dearbh, a'chiad rud a rinn mi nuair a nochd sinn an seo 's e gun do cheannaich mi insurance slàinte ged a bha mi gun chosnadh an-dràsda 's a-rithist aig an àm sin thar còir 's bliadhna gu leth, rinn mi cinnteach an insurance a bha seo a phàigheadh. Bha eagal mòr orm a bhith as aonais insurance slàinte. Mu dheireadh fhuair mi cosnadh far an robh insurance mar phàirt dhen turasdal agam.

Agus thar na bliadhnaichean, dh'atharraich m' inntinn gu mòr ri thaobh seirbheis slàinte 's insurance slàinte. Nuair a gheibheas cuideigin rudeigin 's chan eil e a' pàigheadh air a shon, bith iad caran coma air mar cho eifeigeach sa tha an seirbhis. Agus na buidhnean ann a tha a' deanamh nan seirbheisean, bith iadsan ceart cho coma leis gun tèid iadsan am pàigheadh co-dhiù. Agus tha na riaghaltasan nan deagh eiseimpleir dhe sin mas ann gu bheil iad a'deanamh seirbheis slàinte. Gheibh iad cìsean 's pàighidh airson seirbheis slàinte. Thèid na h-euslàintich do na dotairean 's tha iad coma dè tha an seirbheis a'cosg, chan e iadsan a tha ga phàigheadh. Tha na dotairean coma cuideachd, thèid iad am pàigheadh co-dhiù. Agus an riaghaltas? Uill, faodaidh iad an còmhnaidh na cìsean a chur an àrd, air neo ma tha sin ro theth, gabhail iasadan a bharrachd air neo na seirbheisan a gheàrradh air ais.

Agus tha seo ceart cho fìor mas e gur insurance a tha a'pàigheadh an àite an riaghaltas. Fad sa chì mise, chan e nach eil gu lèor insurance ann an sàs ann an seirbheis slàinte ach gu bheil iad cus ann. Thàinig seo a-steach orm nuair a cheannaich mi fhìn m'insurance ged nach robh e foilliseach dhomh aig an àm. Cha b'urrainn dhomh insurance a cheannach a phàigheadh airson a h-uile nì, bha e ro chosgail. Aig a'cheann thall, b'fheudar polasaigh a cheannach a chumadh mi à èiginn ionmhais nan thachradh rudeigin.

Agus dhomh-sa, 's e seo cnac na cùise: do chumail à èiginn ionmhais ma thacras rudeigin. Na rudan làitheil, bhiodh e fada na b'fheàrr nam b'e sinne a bhios a phàigheah. Cò a chleachdas insurance airson ola atharrachadh air do chàr neo airson aran a cheannach? Agus dè a bhiodh prìs arain nan robh cuideigin eile a'pàigheadh air a shon?

Tha seòrsa de fhaoin-aisling ann: ma tha slàinte-shoisealta ann, gum pàigh cuideigin eile airson air cùram-slàinte. Ach 's e fhèin-mhealladh a th'ann. Aig a'cheann, s'e sinne a phàigheas aig a'cheann thall.

Tha tòrr adhbharan eile ann gu bheil mi an aghaidh slàinte soisealta. Ach cha chan mi ach seo: mas e an riaghaltas a tha a'pàigheadh airson d'sheirbheis slàinte, tha cus 's còir leisgeulan aca do bheatha fhèin a riaghaladh gu mionaideach. Agus chan e seo a tha mi ag iarraidh idir.

0 Comments:

Post a Comment

<< Home