An Gaidheal Alascanach

Thursday, December 03, 2009

Theab an saoghal agam chur bun os cionn


An t-seachdainn-sa, b'fheudar dhomh siubhail air itealain airson na h-obrach agam. 'S ann tric a bhios mi a'deanamh sin, uair neo dhà gach mìos 's dòcha. Agus bho chionn fhada, tha mi air a bhith mothachail gum feum mi a bhith gu math faiceallach. Oir as deidh deireadh sheachdainn dh'fhaodadh cha mhòr rud sam a bhith agam, am pòcaid mo chòta 's dòcha neo sa mhàilid agam a chuireadh ann an trioblaid mi. Rud sam bith: gunna, peilearan, sgèin, cleasaichean teine. 'S mus tèid mi air itealan, feumaidh mi faighinn cuideas a h-uile càil a tha sin.

'S chan ann dhomh-sa a-mhàin a tha sin fìor. 'S aithne dhomh cuideigin a tha a'fuireach ann an Anchorage, uill bha, tha e ann an Afganistan a-nis airson bliadhna. Tha tòrr fiachan air 's chaidh e a dh'Afganistan airson tòrr airgead a chosnadh (gun cìs!) 's na fiachan aige a phàigheadh air ais. Shaoil mise gu bheil sin caran cunnairteach. Chan ann a-mhàin gu bheil iad airson do mharbhadh thall an sin, ach cuideach tha e gu math builteach gun cosg a bhean a h-uile sgilling dhen airgead fhad sa tha ga chosnadh. Co-dhiù, an uiridh, thàinig e a-nuas à Anchorage an seo. Bha peilearan aige am pòcaid a chòta o bha e air a bhith losgadh gunnaichean corra làithean roimhe. Chan e sligeean peilear ach peilearan beò. Agus bha e air diochuimhneachadh mun deidhinn. Chaidh tron tearainteachd an Anchorage ceart gu leòr 's peilearan na phòcaid ged nach do lorg iad iad. Thadhail leinn ann an Juneau airson latha 's an ath latha chaidh sinn uile comhla a Ketchikan. Bha e air ar cùlaibh nuair a chaidh sinn a-steach tron tearainteachd ach cha do nochd e taobh a-staigh. Dh'fhan sinn leth uair a thìde 's cha do nochd e fhathast. Chaidh sinn air bòrd an itealain 's cha robh e ann fhathast. Bha am plèan gus falbh 's dìreach an diog mu dheireadh nochd e. Lorg iad na peilearan aige. Cha do chuir fon ghrèim e ge-ta 's bha e fortanach.

An deireadh sheachdain sa chaidh bha cothrom agam dhol ri sealg. Ach cha deach sin ann aig diog mu dheireadh air sàilleamh droch thìde. Agus diluain b'fheudar dhomh dhol air itealan. Chaidh mi tron mhàilid agam gu mionaideach. Dà uair. Fhuair mi cuideas an gunna 's na peilearan 's uidheamachd sam bith eile a cuireadh iomgain air na luchd-tearainteachd. Chaidh mi dhan phort adhar. Dh'fhaighnich an co-obraiche agam nan robh dad sam bith agam ri fhaighinn cuideas, leis gu robh e a'tilleadh air ais dhan càr aige. Thuirt mi nach robh. Chaidh mi tron tearainteachd. Fhad sa bha a'cur na geansaidhean 's na brògan air ais orm, chunnaic mi mar a bha iad a'cur na màilid agam uair 's uair eile.

Mu dheireadh thàinig am boireannach thugam 's sgian na làimh, sgian agam-sa a bh'ann. Leig mi a-mach facal neo dhà nach bu chòir. A dh'aindeoin gach oidhrp a rinn mi, chaidh an sgian troimhe. Agus 's e sgian mhath a th'innte. Sgian fhada fhaobharach de sia oirlich de dh'fhaide. Le meatailt chruaidh, cumaidh i a faobhar airson ùine mhòr.

Bha gach leisgeul fon grèin aca an saoghal agam chur bun os cionn: mo chur fon ghrèim, rannsachadh nas mionaidich air mo bhothaig fhèin. Ach cha do rinn iad càil dhen sin. Bha an co-obraiche agam fhathast air taobh a-muigh na tearnainteachd 's thug iad fèin gu fialaidh an sgian agam thuigesan airson 's gun toir e dhan chàr i.

Tha mi cinnteach, nach rachadh cùisean mar seo leam nan robh mi cha mhòr an àite sam bith eile sna Stàitean.

1 Comments:

Blogger Steaphan MacRisnidh said...

Sgeul inntinneach.

3:23 PM  

Post a Comment

<< Home