An Gaidheal Alascanach

Tuesday, June 22, 2010

Turas aux Cantons de l'est



An latha an-diugh, gabhaidh an t-astar a tha seo a dheanamh, chan eil fhios, taobh a-staigh uair gu leth, bhon àite far a bhuineas ceann a deas na drochaid Champlain aig bruach deas na h-aibhne (mu coinneamh Montreal), a’leanntain sreath de rathaidean mòra dùbailte, an 10 agus an 30 airson astaran giorraid ‘s an uairsin an 20, an Trans-Canada airson astar nas fhaide gu ruige Drummondville. An uairsin 20 km gu deas air rathad dùbailte eile, gu ruige baile beag air a bheil Melbourne mar ainm. Nuair a bha mi a’fuireachd ann an Quebec, gu ruige deireadh nan 80’dan, dh’fhaodadh tu an t-astar a seo a cho-lìonadh gun a’dol nas shlaodaiche na 130 km/h. Tha an trafaic nas shocraiche a-nis, cha tèid thu nas shlaodaiche na 100 km/h agus bith thu ann taobh a-staigh uair gu leth.

Ach nuair a chaidh mathair mo bhean a togail ann o chionn trì fichead neo trì fichead sa deich bliadhna, ‘s e astar mòr a bh’ann thar rathaidean singailte de dhuslach. An fhìrinn, ghabhadh iad an trèana bho Richmond a tha dìreach air taobh thall na h-aibhne bho Melbourne airson a dhol a Mhontreal. Ach mar bu thrice, nan robh iad airson dhol dhan bhaile mhòr, b’ann a Sherbrooke a bha iad na bu bhuailtiche dhol ann, neo gu tuath a Dhrummondville. B’iad seo na bailtean mòra dhaibh aig an àm.

Tha munntir mathar mo bhean a’buntainn dhan sgìre seo. Thàinig a muinntir ann sna dhà fhicheadan an naoidheamh lìnn deug à sgìre York ann an Sasainn. Thàinig mòran à Alba cuideachd. Gu dearbh, ‘s e Kirkdale a theirte ris an eaglais sa robh a’dol. Thadhail sinn dhan eaglais seo ‘s anns a’ chladh a tha ra taobh, chaidh tòrr gìnealaichean an tiolachadh thar na bliadhnaichean.

An rud a tha inntinneach dhomh, ‘s e gu bheil measgachadh de mhion-choimhearsnachdan chànain anns an sgìre seo. Melbourne, far an d’fhuair mathair mo bhean a h-àrach, ‘s e coimhearsnachd Beurla a bh’ann. Mu 10 km gu tuath, tha baile eile ann, L’Avenire, ‘s e baile fraingeach a th’ann. Bha fiù ‘s baile Gàidhlig neo dhà annn aig an àm. Gu dearbh, ‘s e Gàidhlig a bh’aig sine-phàrantan bana-charaid dhomh ‘s b’ann à baile Gaidhealach sna Canton de l’est a bha iad.

Ach an latha an-diugh, tha na mion-choimhearsnachdan cànain a’dol à bith. Fhad sa bha sinn aig tuathanas mathar mo bhean, bhruidhinn ri dithis aig an gnìomhas ris agus ‘s e fraingis a bh’aca. Gu dearbh, chan eil Beurla idir cho làidir air feadh na Cantons de l’est sa bha i uaireigin. ‘S e Fraingis a th’aig a’mhòr chuid a-nis seach Beurla.

Ciamar a thàinig gu bith, ann an Ameireagaidh a tuath, ‘s dòcha 100 km bho chrìoch leis na Stàitean Aonaichte gu bheil cànan seach Beurla a’cur às dhan Bheurla? Ciamar a tha sin a’tachairt far nach ach 6 million luchd-labhairt na Fraingis a’fuireachd air an cuairteachadh le 300 million luchd-labhairt na Beurla?
Uill, chan aithne dhomh an sgeulachd gu lèir, ach ‘s aithne dhomh cuid dheth. Agus tha mi an dòchas cuid innse sna làithean a leanas.

0 Comments:

Post a Comment

<< Home