An Gaidheal Alascanach

Saturday, April 24, 2010

Cìochan an aghaigh aintighearnas



A reir coltas, tha imam Iraineidheanach dhen bheachd gur iad boireannaich a bhios a'sealltainn cus as coireach gu bheil tòrr crithean-talbhainn ann. Uill, tha boireannach ann a tha na h-oileanaich aig Oilthigh Perdue. http://www.blaghag.com/2010/04/quick-clarification-about-boobquake.html Tha ise a'cur air dòigh togail fianais a tha caran, uill, eadar-dhealaichte. Tha i ag iarraidh, airson aon latha an t-seachdainn sa tighinn, gun nochd boireannaich an t-saoghail iad fhèin am barrachd fianais nan àbhaist, barrachd cìochan am follais nan àbhaist, mar seòrsa de dhubhlan dhan imam a tha seo, airson dragh air.

Nise, chan eil mi airson an dì-mhisneachadh ri thaobh iomairt a tha cho àlainn ann an dòigh sam bith. Ach nach biodh e na b'fheàrr, nas fheumaile nan cuireadh bacadh air ha h-Iraineidheanaich ann an bhith leasachadh armachachd niùicliasach?

0 Comments:

Post a Comment

<< Home