An Gaidheal Alascanach

Saturday, June 19, 2010

Chiad Latha dhen Turas againn ann an Quebec


Tha sinn ann an Quebec a-nis, dùthaich shuidhichte taobh a-staigh rìoghachd eile a-reir beachd nan Quebecois fhèin. Dh’fhurich mi fhìn innte mòran bliadhnaichean m’òige, thachair mi ri mo bhean an seo agus gu dearbh ‘s ann air a pàrantan a tha sinn a’tadhail. Sgeith sinn dhan phort-adhart ann am Boston, fhuair sinn carabad air mall ‘s dhràibh sinn na trì cheud mìle gu Montrèal an-dè. Cha robh e cho cosgail mar sin.

‘S e fraingis a th’aig a’mhòr chuid ann an Quebec, rud a tha gu math iongantach nuair a smaoineachas tu mar cho làidir sa tha a’Bheurla ann an Ameirgeidh a Tuath. Bha mi nam dheugaire nuair a ràinig mi Quebec. Rinn mi na dà bhliadhna mu dheireadh àrd-sgoile san sgoil fhraingeach far a b’fheudar dhomh an cànan ionnsachadh agus far an d’fhuair mi sealladh mhion-shluaigh air an t-saoghal. Agus chunnaic mi cuideachd carson a tha sluagh a tha cho beag fhathast na shluagh fa leth ann an ceàrn dhen t-saoghal far cultur eile cho làidir. Saoilidh mi gu bheil mòran a thachair ann an Quebec na shamhla do na Gaidheil. Thar na làithean a leanas, tha mi airson aithris bho àm gu àm mun t-suidheachadh ann an Quebec agus rudan co-ceangailte ris.

An diugh chaidh sinn gu margaidh fhosgailte far an robh tòrr measan ‘s rudan dhen t-seòrsa ri cheannach. ‘S e àite gu tur fraingeach a bh’ann. ‘S e fraingis a bh’air na bilean a h-uile mac mhathar aca a’gabhail a-steach na cloinne bhige. Oir bha buidhinn dhiubh a’coiseachd troimhe ‘s bha iad ag èigheachd ‘s a’sgreuchail air a h-uile càil ann am fraingis.

Mo nighean as sìne, tha i air a bhith gabhail cursa de fhraingis fad trì bliadhna a-nis ‘s feumaidh mi aideachadh nach do rinn i mòran adhartas gu ruige seo. Bho àm gu àm, dh’fheuchainn beagan fraingis leatha ‘s mar bu thrice, b’e duighleadas mhòr dhi na h-abairtean a bu shìmplidhe a thuigsinn. Sa chursa aicese, ‘s e trì bliadhna mus bhiodh fiosrachadh gu leòr agad airson “il faut que tu sois prêt an cing minutes” a thuigsinn, rud a thuigeadh pàiste sam bith de dhà bliadhna dh’aois.

Co-dhiù, bha sinn air ar cuairteachadh le fraingis ‘s thòisich mi bruidhinn riths san fhraingis a-rithist agus an-diugh bha i gam thuigsinn ann an dòigh nach do thuig i gu ruige seo. Chòisich sinn suas ‘s sìos a’mhargaidh ‘s mise a’mìneachadh dhi dè a bh’anns a h-uile càil san fhraingis. Domh-sa, tha e fada nas fhasa fraingis theagaisg do chuideigin nuair thu air do chuairteachadh leatha. Cha leig thu leas Beurla chur an sàs idir idir. Co-dhiù, bha seo na annas do mo nighean mar a thòisich e a h-uile càil a thuigsinn ‘s tha i gu math toilichte leatha fhèin.

0 Comments:

Post a Comment

<< Home