An Gaidheal Alascanach

Thursday, June 24, 2010

Tadhail air Fête St Jean Batist neo Fête Nationale du Québec



Bha iad cho tiugh na gràisgean mhòra, an cuid a bu mhotha diugh nan deugaran neo nam ficheadan ach daoine na bu shìne ‘s teaghlaichean. Thàinig iad o gach ceàrn Quebec ‘s cuid aca o fada na b’fhaide na sin, suas 200,000 dhiubh ‘s brataichean gorma am Fleur de Lys nan làmhan agus fraingis air bilean cha mhòr a h-uile mac mathar aca, thàinig iad ri cruinneachadh air na Plaines d’Abraham far an do thachair ‘la conquête. ‘S e àite cha mhòr naomh do na Québecois sa tha na Plaines d’Abraham. Oir b’e seo an t-àite, taobh a-staigh a’bhaile daingichte Québec, far do chàill an Fhraing an t-ìomparachd aca, an Fhraing Nuadh, do na Breatannaich . Bho sin a-mach, bhiodh na fraingichh, ann an Quebec gu h-àraidh ach ann am mòran àiteachan eile ann an Ameireagaidh a Tuath, gun taic ann an ceàrn èiginneach dhen t-saoghal.

Nuair a chanas mi èiginneach, cha e àite làn cogaighean a tha mi a’ciallachadh. ‘S e a tha na Fraingich ann an Ameireagaidh a Tuath, bho riamh, air a bhith ann an èiginn gun tèid iad an sluigeadh suas leis a’chultar nas mothas a tha mun cuairt. ‘S iomadh turas a chuala mi gur e mearachd mhòr nach tug na Breatannaich orra Beurla ionnsachadh bho thoiseach. Agus aig amannan, b’e seo am poileasaigh oifigeil neo ‘quasi’ oifeigeil aig an fheadhainn aig an robh smachd air Quebec.
Ach tha na Fraingich ann an Canada agus ann an Quebec air a bhith seasmach gu ìre iontach. Thòisich iad le rudeigin mar 90,000 neach aig àm ‘de la conquête.’ Tha suas ri 6 million diubh ann an Quebec an-nis.

Agus chan e cànan nam bodach ‘s nan cailleach a th’ann am Fraingis ann an Québec, idir idir. Tha na h-òigrich air leth pròiseil mu deidhinn.

Ach canaidh cuid gur e fèll leann a th'ann agus bha tòrr leann ann cuideachc.

0 Comments:

Post a Comment

<< Home