An Gaidheal Alascanach

Tuesday, May 03, 2011

Bàs Osama agus Dè a rinn Obama dhan chùis

'S e fìor deagh naidheachd a tha seo gun d'fhuair Osama ben Laden bàs, gun deach e a mharbhadh.

'S mathaid gur e rud nàdarach a th'ann, ach chuala mi mar tha dà uair, a ghabhail a-steach air Aithris na Maidne, gun do shoirbhich le Obama ann an seadh nach do shoirbhich le Bush. Obama 1, Bush 0.

Dhomhsa 's e sealladh caran sìmplidh a tha seo. Cuimhnich gur e nàdar de bhratach a th'ann an ceann-suidhe, 's e glè bheag a nì cinn-suidhe fhèin, ach bith tòrr a'tachairt fo'n bhratach aca.

An ceist a th'agamsa, 's e cò iad na co-dhùnaidhean a rinn Obama a dh'adhbhraich gun do shoirbhich leis Osama a chur gu bàs. Agus tha na feargairtean caran inntinneach saoilidh mi.

1) Cho-dhùin Obama leantainn air leis an iomairt a thòisich fo bhratach Bhush. Chum a e làmh air falbh bho'n stiùir an iomairt 's leig e an fheadhainn a bha ann sàs ann leantainn orra.

2) Chò-dhùin Obama dhol an tòir Osama nuair a chaidh fiosrachadh chur mu choinneamh gu robh amharasach aig na seirbhis brathaidh far an robh Osama air a stèidheachadh.

3) Cha do dh'iarr Obama cead bhon riaghaltas Pakistan. 'S e co-dhùnadh fìor chudthromach a bha seo. Bha latha ann nuair b'e sin a dheanadh sinn a h-uile uair gun teagamh.

4)Chò-dhùin Obama gun a bhith gabhail Osama ben Laden an grèim. Bha latha ann nuair, ann an sùilean an riaghaltais, nan librealach gu h-àraidh, nach robh ceartas ann mura a robh cùis lagha ann. Cuimhnich air an iomairt airson Kaleid Sheik Muhomad a thoirt gu cùirt ann an New York. Smaoinich air circus a bh'air a bhith ann nan d'fhuaireadh iad Osama an grèim. Saoilidh mi gur e ceartas a th'ann an grad bhàs ann an dubh-oidhche cuideachd.

0 Comments:

Post a Comment

<< Home