An Gaidheal Alascanach

Sunday, May 15, 2011

Dè a Bhiodh Churchill air Dhèanamh?

Am measg cuid a thèid dhan eaglais sna Stàitean Aonaichte, tha ceist ann a chluinnear bho àm gu àm: What would Jesus do? (Dè a dhèanadh Ìosa?). Agus fhad sa bha Obama a'dol thall 's a-bhos a'leigeil iollach àrd air sàilleamh bàs Osama ben Laden, thàinig ceist caran coltach rin sin dom ínntinn: Dè a bhiodh Churchill air dhèanamh na àite?

Uill, sa chiad a'dol a-mach, bhiodh Churchill air fheitheamh bliadhna co-dhiù mus leigeadh e innse gu robh fiù 's aige gu robh OBL air mharbhadh. 'S e cnap mhòr de dh'fhiosrachadh a chruinnich iad ri chèile mu mar a tha Al Qaeda ag obrachadh. Bhiodh e air a'bladhna seo de thosd seo chur gu feum le bhith cur às do Al Qaeda leis an fhiosrachadh a tha seo. An àite bhith innse dhan t-saoghol mhòr mu chnap mhòr de phorno a bh'aig OBL, cha leigeidh Churchill air gu robh dad idir air tachairt.

Cuimhnich gun robh na Breatannaich comasach èisteachd a-steach ris na bha na Gearmailtich ag innse ri chèile. Bha an comas seo uabhasach fhèin cudthromach dhan bhuaidh aig a'cheann thall agus, aig an àm uabhasach cudthromach fhèin cudthromach a chumail fo chleith bho na Gearmailtich. Uill, thàinig an latha nuair bha fios le chinnt aig na Breatannaich gu robh na Gearmailtich a’cuimseachadh ri Coventry leis a cuid bomairean. Leis an fhiosrachadh a bha seo, bha cothrom aig Breatainn a cuid fighterean a chruinneachadh ri chèile 's stad a chur orra. Ach nan deanadh iad sin, s’mathaid gun obraicheadh na Gearmailtich a-mach gu robh fios an fhithich aig na Breatannaich ‘s gu robh iad a’leughadh nan teachdaireachd aca.

Aig a'cheann thall, fo ordugh Churchill cha do rinn iad càill as an àbhaist airson stad a chur air na Gearmailtich 's dh'fhulaing am baile Coventry sgrios uabhasach. Shaoil na Breatannaich gum b’fheàird an comas a bh’aca a chumail fo chleith bho na Gearmailtich gus feum na b’fheàrr a dheanamh leis.

'S inntinneach an dòigh sa bhiodh OBL a'bruidhinn leis an taobh a-muigh: chan ann tro fòn, neo rèidio neo an eadar-lion ach tro theachdairean. Le OBL fhèin 's a chuideachd air am marbhadh, cò a dh'innseadh dhan chàidh am broinn Al Qaeda mu dè bh’air tachairt? Agus leis an fhiosrachadh a bha na S.A. air thional, bhiodh cothrom aca sgrios uabhasach a thoirt dhan Al Qaeda mus robh fios aca mu dè bha tachairt.

Smaoinich air a’bhuaidh a bhiodh ann nan robh Obama air bliadhna fheitheamh, nan innseadh e an ceann bliadhna: “bliadhna air ais mharbh sinn OBL ach cha d’thuirt sinn càil gus sgrios a bharrachd a thoirt dhan Al Qaeda.” Saoilidh mi nan robh e air sin a dhèanamh, a bharrachd air an tuilleadh sgrios a bhiodh e air dhèanamh air Al Qaeda, bhiodh e ann an stait fada na b'fheàrr airson iomairt an taghaidh.

0 Comments:

Post a Comment

<< Home