An Gaidheal Alascanach

Monday, July 11, 2011

Desbaid mu Àirdeachadh Ìre Fhèich

Tha mi air a bhith dlùth-leantainn an deasbaid mu àirdeachadh ìre fhèich sna Stàitean Aonaichte.

Gu ruige deireadh an linn George Bush, 's e mu $400 billion dollar an ìre as àirde nan easbhaidhean bliadhnail sna S.A. agus aig an àm sin bha tòrr gearainean mu cho àrd sa bha sin. Ach bhon uair sin, chaidh na h-easbhaidhean nam meud gu mòr 's iad a'ruith eadar $1 agus $1.7 trillion dollar gach bliadhna. Bho thoiseach linn Obama, tha an ìre fhèich air riaghaltas nan Stàitean Aonaichte air a dhol an àrd bho mu $10 trillion dollar gu seachad air $14 trillion agus air rèir figearan san amharc, leanaidh an t-àirdeachadh seo air mar seo mur thèid dad atharrachadh.

Rud eile. An latha an-diugh, tha cumhachd ionmhais gu math lag aig Taigh nan Riochdairean an taca ri mar a cha cùisean bho thùs. A-rèir bun-reachd nan Stàitean Aonaichte, 's ann leis a'chongail a tha cumhachd ionmhais agus 's ann san Taigh nan Riochdairean a thòisicheas gach bile ionmhais. Ach chan eil sin buileach fìor ri thaobh nan 'entitlements' mar a chanas iad. Tha na entitlements stèidhte ann an lagh 's ma tha thu airson atharrachadh a chur cosgaisean entitlements, feumaidh tu an lagh co-ceangailte riutha atharrachadh sa chiad a-dol a-mach agus faodaidh an t-seanaid stad a chur air an atharrachadh seo 's faodaidh an ceann-suidhe veto a chur air cuideachd. Tha seo gu math diofraichte bho mar a bha cùisean bho thùs, mus do thàinig entitlements a-steach. Roimhe sin, mura robh taigh nan riochdairean deònach airgead a chosg airson rudeigin, cha robh mòran a b'urrainn dhan t-seanaid neo dhan cheann-shuidhe ri dhèanamh mu dheidhinn.

Ach ri thaobh àirdeachadh ìre Fhèich, tha cùisean fhathast an ìre mhath mar a bha iad roimhe san fharsaigneachd. Mur a bheil Taigh nan Riochdairean deònach ìre fhèich chur an àrd, chan eil mòran as urrainn dhan t-seanaid neo dhan cheann-suidhe a dhèanamh.

Agus tha na deamocrataich air a bhith dol as an rian le bhith dubh-chàineadh nam Poblachdach. Tha iad ag ràdh gu bheil na Poblachdaich a'cur na dùthcha ann an èiginn air sgàth nach iad a'co-dhùnadh íre fhèich chur an àrd. Tha iad ag ràdh gu bheil iad an iompaidh na margaidhean a chur troimhe-chèile.

Ach sin an rud. Ma tha sin fíor, carson a tha íre rèidh air fiachan nan Stàitean Aonaichte air a bhith dol síos sna làithean mu dheireadh? Cuimhnich, nuair a dh'fhàs Iomagain mu shuidheachadh ionmhais anns a'Ghrèig, chaidh prísean na'm fiachan síos air sgàth daoine cho deònach sa bha iad roimhe 's mar sin íre rèidh an àrd.

Seo mo bheachd-sa. 'S ann air easbhaidhean a th'air a bhith síor-dhol am meud a tha a'cur iomagain air na margaidean. Agus cuiridh mi geall gun tèid íre rèidh air fiachan nan S.A. suas mura thig co-dhùnadh a chuireas smachd air easbhaidhean.



0 Comments:

Post a Comment

<< Home