An Gaidheal Alascanach

Wednesday, October 24, 2012

Stait na Rèis sna Stàitean Aonaichte

Tha latha an taghaidh sna S.A. nas liugha na dhà sheachdainn air falbh 's tha an rèis gu math dlùth a-nis. Tha làrach-linn ann, Realclearpolitics (RCP), a bhios a'deanamh meadhan de na cunntais-bheachd mu dheireadh air agus tha iadsan ag ràdh a-nis gu bheil Romney 0.6 air thoiseach air Obama sna mheadhan aca as dèidh dhaibh a bhith co-ionnan thar an deireadh sheachdainn.

Fad mòran seachdainnean gu ruige toiseach an Dàmhair bha Obama daonnan eadar trì 's sia puingean air thoiseach air Romney. Gus an do rinn iad a'chiad deasbad ge-ta. Bha Obama fìor dhuilich san deasbad seo 's air sàilleamh sin chaidh Romney beagan air thoiseach air.

Ach ge-ta, tha na cunntais-bheachd gu math sgapte. Aig a'cheart àm sa tha Gallup ag innis gu bheil Romney eadar còig 's seachd puingean air thoiseach air Obama, tha IBD ag ràdh gu bheil Obama eadar dhà 's còig puingean air thoiseach air Romney.

Dè an fhìrinn? Carson a tha na cunntais-bheachd cho sgapte o chèile? An e Romney neo Obama a tha a'buannachadh? Ged a tha mi toirt taic do Romney, chan eil mi airson mo mhealladh fhèin.

'S mar sin shaoil mi gum biodh e inntinneach sùil a thoirt air cunntas-bheachd a tha caran fàbharach do Obama. Sna làithean mu dheireadh, tha cunntas-bheachd làitheal IBD air a bhith ag innse gu bheil Obama eadar dhà 's ceithir puingean air thoiseach air Romney. Ach thug mi sùil air na fo-àireamhan, àireamhan a-rèir gnè neo a-rèir aois neo a-rèir cinneach an dùil an robh dad inntinneach am measg nan àireamhan sin.

Agus bha! Bha na h-àireamhan air an roinn a-rèir mar a bhot iad san taghadh mu dheireadh ann an 2008 agus tha na h-àireamhan sin ag innse gu bheil Obama air mòran de luchd-taic aige a chall neo bheil mòran dhiubh fhathast mi-chinnteach. Dhen fheadhainn a bhot airson Obama san taghadh mu dheireadh, chan eil ach 83% ag ràdh a-nis bheil iad an rùn bhotadh airson Obama an turas seo. Aig a'cheart àm leis an dearbh tomhas, tha 93% dhen fheadhainn a bhot airson McCain an turas ag innis gu bheil iad an dùil bhotadh airson Romney. Agus ma sheallas tu air ais thar na làithean mu dheireadh, ge b'e b'e ma tha Obama trì puingean air thoiseach neo trì puingean air cùl Romney, tha Obama daonnan a' call mu 10% de na luchd-taic aige an taca ri Romney 's na luchd-taic a bh'aig McCain.

Saoilidh mi gur e seo laigseas mòr do Obama! Cuimhnich gun do bhuannaich Obama le mu sia puingean air thoiseach air McCain. Gu cinnteach gu bheil sgioba Obama gu mòr air am bioran 's fhios aca gu bheil iad air taic a h-uibhir a chall!


0 Comments:

Post a Comment

<< Home