An Gaidheal Alascanach

Tuesday, February 23, 2016

Strì nam Poblachdach




Tha co-labhairt nam Poblachadh ann an Nevada dìreach air tighinn gu crìoch 's tha coltas ann gur e Trump a bhuanaich a' chuid as motha. Ged a tha iad fhathst a'cunntadh ann an Nevada, tha coltas ann gun do bhuannaich an 42% cuid de na bhotaidhean 's gum faigh e 14 riochdairean de na 30 a bha ri fhaighinn ann an Nevada.

Gu ruige seo, tha Trump air 80 riochdairean bhuanachadh. Aig a'cheart àm tha an càch air 52 riochdairean bhuanachadh. Tha Trump fad air thoiseach gu h-àraidh air sgàth gun do bhuannaich e a' cuid gu lèir de na 50 riochdairean as a'Charolina a Deas.

Ged a tha a h-uile coltas ann gur ann le Trump a tha làmh an uachdair, 's e cuid glè bheag de riochdairean a chaidh a thaghadh gu ruige seo. 'S e còrr 's 2,000 riochdairean a tha ri chunntadh ann fhathast. An t-seachdainn sa tighinn tha suas ri 500 riochdairean ri thaghadh am meag 13 stàitean 's stàit agam fhìn nam measg (Alaska).

Airson bhuanachadh gu bhith na thagraiche nam Poblachdach, chan e a'chuid as motha a dh'fheumas Trump ri bhuanachadh ach a' mhòr chuid. An rud a tha ri fhaicinn an t-seachdain neo dhà a tha ri tighinn 's e an e an duine a-mhàin a tha fhathast na sheasamh an aghaidh Trump neo triùir neo dithis? Gu ruige meadhain a'mhàirt, thèid a mhòr chuid de riochdairean a roinn a rèir chuid de bhotaidhean a bhuanaicheas gach duine. As dèidh sin, an duine a bhuanaicheas a'chuid as motha ann an stait, fiùs mur a bheil e ach 30% gheibh e a'chuid gu lèir de riochdairean anns an stàit a tha seo. Mar sin, ma s'ann gu bheil thu ag iarraidh duine sam bith eile seach Trump, an rud a tha thu ag iarraidh fhaicinn 's e aon duine a mhain a tha fhathast na sheasamh an aghaidh Trump. Mas ann gun bheil can triùir ann fhathast, tha e gu math coltach gur e Trump a tha gu bhuannachadh mar thagraiche nam Poblachdach.

Taobhadh agamsa: Ted Cruz.


- Posted using BlogPress from my iPad

2 Comments:

Anonymous Best Amazon sale said...




best motorcycle helmet
best pressure washer

12:39 AM  
Anonymous Anonymous said...

Hello, tha mise bho na Stàitean Aonaichte, tha mi airson an teisteanas mhath seo a cho-roinn mu mar a chuidich Dr.Agbazara mi a thoirt air ais le mo leannan a bh 'ann. Nuair a bha mi a' lorg airson fuasgladh thàinig mi an conaltradh ri Dr.Agbazara agus le cuideachadh a thàinig mo leannan air ais gu mi taobh a-staigh 48 uair a thìde. Mar sin, le seo tha mi cho trom airson comhairle a thoirt do dhuine sam bith a tha a 'sireadh slighe airson a bhith a' faighinn a leannan air ais gus bruidhinn ri Dr.Agbazara air WhatsApp: ( +2348104102662 ) no tro phost-d aig: ( agbazara@gmail.com ) Tha mi cho toilichte co-dhiù mi fhìn agus tha mo leannan air ais dha chèile a-rithist agus a 'dol a chuir seachad cuirm na Bliadhn' Ùire còmhla. A 'toirt taing don Dr.Agbazara a-rithist ...

11:20 PM  

Post a Comment

<< Home