Stad leis a' Phoileas 's Gunna Agam
Chuir am Poileas stad orm a-raoir. Bha solas thoiseach a'chàir agam briste. Rud eile: bha gunna-làimhe agam fo chleith. Ann an Alasga, chan ann an aghaidh an lagh a tha seo. Ach nuair a th' agad ri còmhradh a dhèanamh leis a' phoileas, feumaidh tu innse dha sa bhad gu bheil gunna-làimhe agad. Mura innse, bhiodh tu ann an trioblaid.
Mar sin, nuair thòisich e ri bruidhinn rium chuir mise stad airsan 's thuirt mi gun b' fheudar dhomh innse dha gu robh mi airmaichte. Saoilidh mi gun do ghabh e iongnadh rud beag. "Taing mhòr airson sin innse dhomh" thuirt e. Thòisich sinn an uair sin ri còmhradh a dheanamh mun an t-solas a bha briste. Dh'innse mi dha gu robh mi mothachail gu robh an solas briste 's bha mi a' feuchainn ri àm stèidheachadh leis a'gharaidse airson a chàrachadh.
Mar sin, nuair thòisich e ri bruidhinn rium chuir mise stad airsan 's thuirt mi gun b' fheudar dhomh innse dha gu robh mi airmaichte. Saoilidh mi gun do ghabh e iongnadh rud beag. "Taing mhòr airson sin innse dhomh" thuirt e. Thòisich sinn an uair sin ri còmhradh a dheanamh mun an t-solas a bha briste. Dh'innse mi dha gu robh mi mothachail gu robh an solas briste 's bha mi a' feuchainn ri àm stèidheachadh leis a'gharaidse airson a chàrachadh.
'S ann an uair sin thuirt e: "Theab mi diochuimhneachadh an ID agad iarraidh ort." Thòisich mi greimeachadh airson na màideid agam 's an uair sin stad mi. B'ann ri taobh na màileid agam a bha an gunna agam. Thuig esan dè a chuir stad orm. "Tha sin ceart gu leòr, cait a bheil an gunna agad?" "Air mo seachd làmh an uaireadair, 's ciotach mi. " Mar sin thug mi an cead-dràibhidh agam dha.
Beagan as-dèidh thill e 's dh' fhaighnich e dhomh: "Carson a tha cead giùlainn agad?"
An rud a th'ann 's e cha leag leas cead a bhith agad airson giùlainn ann an Alasga. Tha rudeign mu leth dhusan stàitean ann, Alasga nam measg, far a bheil còir aig an t-sluagh ri ghùlainn as aonais cead. Mar sin, carson a tha cead agam? Ueill, gus am bith còir agam ri ghiùlainn anns na stàitean (tha suas ri ceathrad dhiubh ann) a bhios a'toirt aithne dhan chead againne. 'S sin a thuirt mi ris.
Leis a sin, thug e cead dhomh leantainn orm air mo shlighe agus b' e seo deireadh a' chòmhraidh againn.
Rud a tha inntinneach mun a'choinneachadh a bha seo 's e mar a bhiodh e air tachairt ann an grùnn aitichean eile far nach e ceadaichte ri giùlainn. Bha fios aig a' phoileas an seo gu bheil cuid dhen t-sluagh armaichte 's gu bheil còir againn air a sin. Tha iad air an trèineadh ciamar dèileachadh ri daoine a tha a'giùlainn a-rèir an lagh 's cha tèid iad as an rian nuair a choinnicheas iad ri daoine a tha armaichte. Aig a' cheart àm tha mi fhìn mothachail gu bheil aig na poileas dèileachadh ris a h-uile seorsa dhaoine 's chan eil fios aca idir cò mi. Ach nuair a dh'innseas mi dha gu bheil mi armaichte, a-reir an lagh, chan e seo rud a chìthear gu tric a na h-eucearaidh
7 Comments:
A number of people get protection
Select all images with grass
faster, more reliable top quality
Tha seo inntinneach. Saoghal eile.
güzel bir paylaşım olmuş teşekkürler
https://www.evdepolama.gen.tr/
ev eşyası depolama
Post a Comment
<< Home