An Gaidheal Alascanach

Monday, June 27, 2005

Cartraidsean gunnaichean


Seo dealbh a thog mi de diofar cartraidsean. Air a'làimh fhada chlì, tha an fichead sa dha (22). 'S e cartraid beag a tha gu math cumantach. tha e air a chleachdadh anns na raiflean agus anns na gunnaichean-làimhe. Bith daoine ga chleachdach airson spòrs neo airson sealg.

An ath-chartraids, 's e 9mm a th'ann. 'S e cartraids gunna-làime a th'ann. Cleachdar e le NATO airson gunnaichean-làimhe. Tha e air a chleachdadh leis a'phoilis cuideachd.

An ath-chartraids, 's e 44 Magnum a th'ann. Airson bliadhnaichean, bha e cliùiteach mar chartraids-gunna-làimhe na bu chumhachdaiche san t-saoghal. Na creid Dirty Harry. Tha amharas agam nach eil poilis sam bith a tha ga chleachdadh. Tha an leum-air-ais gu math làidir agus tha e doirbh smachd a cumail air nuair a losgas tu e. Tha na peilearan comasach dhol tro iomadh rud mus stadaidh iad. Mar sin chan eil e gu math freagarach airson na poilis. Bidh daoine ga chleachdadh airson beathaichean mòra a shealg neo airson dìon an aghaidh beathaichean mòra. Tha 44 gunna-làimhe agamsa. Bith mise ga ghiùlan nuair teid mi air cuairt anns na beantainn neo anns na coiltean agus nuair nach eil e freaggarach dhomh raifle a ghiùlan. Tha sin airson dìon an-aghaidh mathanan.

An ath-chartraids, 's e an 500 S.W. Magnum air a bha mi a-mach an latha eile. Seo cartraids gunna-làime as motha san t-saoghal. Abair cho mòr sa tha e! Tha, s'dòcha, cartraidse gunna-làimhe nas motha na sin ann, bhiodh e air dheanamh airson cuideigin gu sònraichte.

Cuimhnichibh gur e cartraids gunna-làimhe nas motha san t-saoghal. Nas motha a th'ann an cartraids gunna-làimhe, nas motha a th'ann an leum-air-ais. Nas lugha a th'ann an gunna-fhèin, nas làidire a th'ann an leum-air-ais. Leis gu bheil na gunnaichean-làimhe nas lugha na raiflean, airson an aon chartraids, bidh an leum-air-ais nas làidire airson an gunna-làimhe. 'S ann airson sin gu bheil cartraidsean gunnaichean-làimhe, anns an fharsaineachd nas laga na cartraidsean raiflean.

'S urrainn dhuinn eisimpleir dheth fhaicainn leis na ath-chartraidsean. 'S iad cartraidsean raiflean a th'ann. Sealbhaibh air an treas cartraids on làimhe dheis. 'S e an 45-70 an th'ann. Bha e air a chleachdadh leis an armachd na Staitean Aonaichte aig deireadh na 1800. Bith an cartraids seo a losgadh pealar mòr aig astar slaodach. Cha robh e comasach losgadh gu fada agus bha cuid de peilearan gu math trom airson na saighdearan ri ghiùlan. Aig àm chogaidh an-aghaidh na Spainnt, thachar saighdearan amaireganach a bh'air an armachadh leis a'chartaids seo agus cartraids eile an 30-40 Krag ri saighdearan spainnteach a bh'air an armachadh le cartraids nas 'modern' ghearmailteach. Airson greas fhuair na saighdearan spainnteach làimhe an uachdar air na saighdearan amaireganach air sgàth nan arman 's na cartraidsean na bu fheàrr a bh'acasan.

As deidh sin, rinn an t-arm na Stàitean Aonaichte cartraids ùr a nochd anns a'bliadhna 1906. 'S e an 30-06 a bh'ann. 'S e an dara cartraids on làimhe chlì anns a'dealbh. 'S ann leis a'chartraids a shabaist na Stàitean Aonaichte a'chiad chogadh, an dara chogadh agus an cogadh ann an Korea. Bha an cartaids math air sgàth gu robh e comasach peilearan tilgeil gu fada. Bha e an ìre mhath co-ioman ri 8mm a bh'aig na Gearmailteach. Tha an cartraids air a chleachdadh fhathast an latha an-diugh airson sealg.

An deireadh cartraids air an làimh deis, 's e an 223 a th'ann. 'S e an cartraids a chleachdas an t-arm na Stàitean Aonaichte an latha an diugh. Gu foillaiseach, tha e las lugha na 30-06. Chan eil e cho cumhachdach nas motha. Carson ma tha a dh'atharrachaich an t-arm na S.A. gu cartraids seo? Uill, 's e beachd eile o Ghearmailt, an turas seo aig àm darna chogaidh. Aig deireadh an darna chogaidh, rinn na Gearmailteach beagan deuchainn. Rinn iad raifle comasach losgadh mar 'machine gun' ach le peilearan na bu lugha ach na bu luaithe. Leis gu robh na peilearan na bu aotruim, bha na saighdearan barrachd a ghiùlan. Bha sin soirbheachail bu mòr agus an latha an-diugh, tha cuid mhòr nan arman san t-saoghal stèidhte air am beachd-san.

Chuck

Posted by Hello

2 Comments:

Anonymous Anonymous said...

http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/sbg/lorg.php?facal=cartridge&seorsa=Beurla&tairg=Lorg&eis_saor=on

1:26 AM  
Blogger Unknown said...

Fiosrachadh inntineach ged nach eil agam ach gunna gaoithe !

Ach an robh fios agad gur e "dag" am facal a tha againn air "gunna-laimhe"?

1:46 PM  

Post a Comment

<< Home