An Gaidheal Alascanach

Monday, June 20, 2005

An S.W. 500, Gunna-làimhe nas cumhachdaiche san t-saoghal

Fhuair mi cothrom gunna-làimhe as cumhachdaiche san t-saoghal a losgadh. 'S e an Smith and Wesson 500 a th'ann. Tha an gunna le caraid agam.

Anns na bliadhnaichean 70, bha sreath fiomaichean ann, Dirty Harry le Clint Eastwood a choisinich cliù do chartraids gunna-làimhe eile, an 44 magnum, mar chartaids gunn-làimhe na bu chumhachdaiche san t-saoghal. Ach 's e mu chòig bliadhnaichean deug nach robh sin fìor tuilleadh. Oir nochd cartraidsean èile a bha a bu chumhachdaiche.

Ach o chion greas, nochd cartaids gunna-làimhe ùr a tha cumhachdach dha-riribh. An Smith and Wesson 500. 'S e cartraids air leth a th'ann. Bidh i a'losgadh peilearan de 400 gr* de cuideam aig astar 1600 troigh an diog. Tha sin cumhachdach da-riribh airson gunna-làimhe. Bidh an gunna beag, an 44 magnum a'losgadh peilearan de 240 gr* de cuideam aig astar de 1400 troigh an diog.

Tha an gunna-làimhe fhèin gu math trom. Chan eil fhios 'am gu ceart dè an cuideam a th'ann, ach chanain gu bheil e ceart cho trom 's a tha mòran raidhflean. Bha eagal orm gum bhiodh gunna mar sin a'leum air ais gu h-uabhasach, agus gu cinnteach bidh e a'leum air ais gu cruaidh. Ach cha robh e cho dona 's a bha mi a'smaoineachadh. 'S dòcha gun do dh'fhàs an t-eagal na bu mhotha nam inntinn na nì fhèin.

Tha 44 agam. Agus feumaidh mi ràdh, as deidh bhith gunna mar S.W. 500 a'losgadh, tha an 44 a'faireachdainn cho lag nam làimh, 's a leum air ais cho aotrom, tha e doirbh dhomh chuineachadh nach e gunna-buill peint a th'ann!

Seo eiseimpleir mar a bhios an S.W. 500 a leum:

http://home.gci.net/~ctripp/DSCN0529.MOV

Chanain bu chòr do Chlint Eastwood, an shreath, Dirty Harry a dhèanamh a-rithist, ach an turas seo stèidhte air an S.W. 500. Mura bheil, chan bith am buaidh na sreith cho trom. Ach air an làimh èile, cha bhiodh sin a'coimhead cho fearail nan robh dìth air Dirty Harry dhol gu dotair-stampaidh (chiropractor) as deidh gunna mar sin a ghiùlain fad an latha!

* Chan eil fhios 'am dè a chanas sinn ri 'grain' ann am Beurla. 'S e tomhas cuideim a th'ann. Tha 7,000 gr gach punnd. 'S tomhas cuideim dualchasach a th'ann airson peilearan agus pudar ann am Beurla.

0 Comments:

Post a Comment

<< Home