An Gaidheal Alascanach

Thursday, April 28, 2005

Between the Alps and a Hard Place le Angello Codevilla (4)

Seo rud inntinneach mu na cuisean eaconamaiceach eadar Eilbheis, Gearmailt agus na co-chòmhragaiche.

As deidh a bhuanaich Gearmailt an Fhraing, bha Eilbheis air a cuairteachadh leis na feachdan Gearmailteach. Bha a'Ghearmailt air a cuairteachadh mar an ceudna leis na feachdan nan co-chòmhragaiche. Ro thòiseach a'chogaidh, bha fichead as a'cheud den chuid oidhirp eaconamaiceach Eilbheis a'dol null thairis. Bha Eilbheis comasach rudan cudthromach do na duthchanan cogach a dheanamh. Rudan mar innealan airson factaraidhean agus armachd.

As deidh a thuit an Fhraing, mura robh cead ann on Ghearmailt, cha b'urrainn do Eilbheis càil a rèic. Bha a'Ghearmailt airson nach rèiceadh Eilbheis ach don Ghearmailt a-mhàin. Ach cha robh na cùisean cho simplidh. Cho robh Eilbheis neo-eismealach na cuid bidhe. Cha robh a'Ghearmailt airson a beathachadh. Mar sin, leig a'Ghearmailt Eilbheis stuth a rèic do na co-chòmhragaiche nan leigeadh iadsan biadh 's leithid a bhith air a chuir gu Eilbheis. Mar sin, gu neo-dhìreach, bha na Co-chòmhragaiche a rèic do Ghearmailt. Mar eisimpleir, a-reir an ùghdar, anns a'bhliadhna 1942, rèic Eilbheis 656 millian SF fiach stuth don Ghearmailt agus 310 millian SF do na co-chòmhragaiche.

Seo ach eisimpleir dheth. Tha an leabhar làn eisimpleirean mar sin.

Chuck

0 Comments:

Post a Comment

<< Home