An Gaidheal Alascanach

Thursday, March 24, 2005

Dè as cudromaiche Airgead neo Beatha?

Chanain gun chanadh a'mhòr chuid cur e beatha agus tha mi ag aontachadh riutha.

Anns na Stàitean Aonaichte nuair a cheannachas rudeigin prìseil mar càr neo taigh, feumaidh a bhith pàipearan ann leis d'ainm-sgrìobhte air. Mar eisimpleir, tha pàipear ann a tha ag ràdh cò mheud dollaran a d'fhuair thu air iasad agus bith thusa a'gealladh air pàipear gum pàidheah thu air ais an t-airgead. Agus, leis a'phàipear sin, b'urrainn do bhanca dhearbhachadh gun do gheallaidh thu an t-airgead a phàidhead air ais. Mura bheil a leithid ann, 's dòcha, bhiodh thu comasach dhiùltadh a phàidheadh air ais, b'urrainn dhut a chumail a-mach nach d'fhuair thu airgead air iasad a-riamh bhon bhanca. Agus bhiodh sin uabhasach fhèin uabhasach.

Ach ma tha thu airson a chur às do chuideigin, cha leig e leas a bhith paipear sam bith ann. Chan eil dìth ort ach 1) a bhith pòsda aig duine a tha thu airson a chur às 2) agus a chùmail a-mach nach bhiodh do chèile ag iarraidh a chumail beo ann an suidheachadh mar sin. Oh, feumaidh do chèile a bhith gu math tinn, eu-comasach a bhruidhinn air a shon fhèin. Ach sin e. Chan feum a bith air aithris sgrìobhte neo ainm-sgrìobhte a'dhuine a tha tinn neo fianais sam bith èile gur e sin dha-riribh a bhiodh an duine a tha tinn neo leonte ag iarraidh.

Bith sibh a'tuigsinn, bhiodh e direach sgriosail nach b'urrainn do na bancaran a dhearbhachadh dun d'fhuair thu airgead air iasad, ach air rèir coltas, chan eil e draghail idir nach urrainn do cuideigin dhearbhachadh gu bheil a chèile ag iarraidh air a chur as. Tha sin math gu leor. Siuthad math tha.

Cuiridh mi geall gu bheil tuilleadh pàipearan ann airson a' chuid shaoghalta aice a roinneadh sa bh'ann airson a cuir gu bàs.

Saoil, ann an nì fhèin, dè da-riribh as cudromaiche?

Chuck

1 Comments:

Blogger Graisg said...

Bha mise anns a bheachd gun robh cus chreideimh agus poileataics tighinn a-steach a’ ghnothach ach a-nis saoilidh mi nach eil e ro sìmplidh ri sin. A rèir coltais ghabh Mgr Schiavo ann an trom ghaol le tè eile. Chan eil mi nam bhreitheamh mu dheidhinn sin e-fhèin ach càit am bi an neo-eisimeileachd na smaointinn? Tha fhios againn uile dè cho làidir ‘s tha gaol aig àm sam bith. Mhothaich mi gun robh an teaghlach aig a’ bhoireannach seo an guaillibh a chèile an aghaidh Mgr Schiavo.
A bharrachd air sin tha e dìreach mi-thaitneach a bhith faicinn gu bheil creideamh ‘s poileataics a’ toirt buaidh air a’ chuspair. Bu chòir an lagha a bhith nas treasa na poileataics no creideamh ‘s bu chòir daoine fianais a thogail ma tha faireachdainnean aca ris a’ cheist seo ach carson a leithid de soircas taobh a-muigh an ospadal? Nuair a bhios na meadhanan cho domhainn an sàs am bi an fhìrinn a’ dol fodha cho luathas a ghabhas?

Rudeigin eile Chuc, chuala mi gun deach do fhoillseachadh ann an Cothrom, meal do naidheachd!

10:18 AM  

Post a Comment

<< Home