An Gaidheal Alascanach

Tuesday, February 22, 2005

Impireachd Ameireaganach? (3)

'S e ùine nach do sgrìobh mi an seo. Bha mi air a bhith rudeigin trang, gu h-araidh aig an ofis far a bheil mi ag obair.

Cha do choileanaidh mi an smuain a th'agam. Seo a'phuing. Tha mi gu math deidheal air eachdraidh. Uaireigin saoilidh mi ciamar a bhoidh a'chùis an latha an-diugh eadar-dhealaichte nan robh rudeign neo correigin eadar-dhealaichte.

Aig toiseach na S.A. anns an ochdamh linn deug, bha na athraichean-stèidheachaidh (founding fathers) an aghaidh arm stèidhte. B'fheàrr leotha milisidh. Bha iad an aghaidh arm stèidhte air sgàth 's gu robh eadal orra gum bhiodh an arm air a cleachdadh airson smachd a cumail air am muinntir.

Beagan bliadhnaichean air-ais, leugh mi dà leabhar mu Eilbhis aig àm dara chogaidh agus an siostam milisidh a th'aca an latha an-diugh. Dhomh-sa tha an siostam a th'aca car coltas ris an t-siostam a bh'anns an inntinn nan aithraichean stèidhte. Tha an siostam aca math ri dìon, chan e cho math airson ionnsaichean air dùthchanan èile. Ach s'urrainn a bhith ionnsaichean ann, ach feumaidh a bhith ùine gu leòr ann airson na pròiseict a chuir ri cheile. 'S e an siostam a bh'air na S.A. tro chuid mhòr den eachdraidh againne. Mar eisimplir, aig toiseach a'chogaidh catharra, cha robh ach còig miltean deug saighdearan anns an t-arm na S.A, agus sin a bhiodh air a roinn eadar ceann a tuath 's ceann a deas. Chan eil fhios agam cò mheud a bha shabaid anns a'chogadh, ach d'fhuair sia ceud miltean dhiubh bàs.

Agus s'ann leis an t-siostam mar sin a chaidh na S.A. gu coghaidh an aghaidh Spainne ann an 1898. Bha arm beag ann, ach bha daoine mar Teddy Roosevelt a bha na Shecretary of the Navy. Ma 's math mo chuimhne dh'fhag e an riaghaltas agus chuir e rèisimeid ri chèile agus shabaid e ann an Cuba. Rinn sinnsear agam an aon rud aig àm chogaidh catharra.

Uaireigin, saoilidh mi ciamar a bhiodh an eachdraidh an latha an-diugh eadar-dhealaichte nan robh siostam mar sin fhathast ann na S.A. Dh'fheumadh iad oidhirp na bu mhotha airson a dhol gu Iraq.

Bha (agus tha) mi airson a'chogaidh ann an Iraq. Ach chan eil sin adhbhar airson a dhol gu cogadh.

Ach uaireigin, saoilidh feumaidh sinn smaoineachadh gu faiceallach. Ma tha siostam arm stèidhte air milisidh, dh'fheumadh a bhith cuid dhaoine ann, deiseil 's deònach am beatha aca fàgail.

'S e àm leabaidh a th'ann agus 's dòcha smuain neo dha èile.

Chuck

3 Comments:

Blogger mona said...

smuaintean inntinneach gu dearbh, a thearlaich... 's toigh leam leughadh bhuat.

1:46 PM  
Blogger Graisg said...

Tha mi a’ tuigsinn gur e aig a h-uile fear anns an Eilbheis a bhith na shaighdear (pàirt-ùine) ‘s tha aca ri an cuid buill-airm a’ cumail aig an taigh. Tha gunna aig a h-uile duine ann an Irac cuideachd. Abair da dhùthaich! Chan eil an siostam sin ag obair anns a h-uile àite ach saoilidh mi gur e rud math a th’ ann ma bhios a h-uile duine deiseil ‘s deònach a’ choimhearsnachd aca fhèin a’ dìon. Chaidh rudeigin ceàrr ann an Falujah ge-tà nuair a bha buidhnean le gunnaichean an lagh aca fhèin a' cur air an t-sluagh. An tachradh sin ann an Codiac ma bhiodh feadhainn gu tur fiadhaich an aghaidh an riaghaltas ann an Washington airson adhbhar no choireigin?
Co-dhiù, saoilidh mi gu bheil ceist nas motha againn ‘s tha sin ri ràdh, ‘Ciamar a gheibh sinn a-mach Irac gun chogaidh eadar creideamhan an t-saoghal air fad a’ tòiseachadh?’ Tha mi anns a bheachd gu bheil aillse mhòr mhòr air thòiseachadh nuair a tha duine deònach a chur as iad fhèin boma ann an loidhne taobh a muigh ionad bhòtaidh. Bha mi an aghaidh a’ chogaidh ach tha mi fada fada nas làidire an aghaidh a leithid sin. Ach càite a bheil na freagairtean no fiù ‘s na ceistean? Chan eil càil fhios agam. A bheil beachd sam bith eile ann?

4:13 AM  
Anonymous Anonymous said...

Tairgse iasaid


Tha Kendal Capital a tha a ’frithealadh Millionaires meadhan-chlas a’ faighinn iasad aig 3%
ìre rèidh aig 15 bliadhna aig a ’char as àirde gus an iasad a phàigheadh air ais.

A bheil feum agad air iasad èiginneach gus do ghnìomhachas pearsanta a thòiseachadh ?? ?
Tha e comasach dhuinn iasad sam bith a tha a dhìth a thoirt dhut. Ma tha ùidh agad cuir fios chun phost-d seo: kendalservingmiddleclassmillio@gmail.com

Boggie Hanczaruk

5:30 AM  

Post a Comment

<< Home